Còmhla ris an Urr Dòmhnall M MacAonghais
Còmhla ris an Urr Dòmhnall Micheal MacAonghais, Eaglais Ghairbraid, Glaschu. Gaelic service conducted by Rev Donald M MacInnes, Gairbraid Church of Scotland, Glasgow.
Cluinnidh sibh na laoidhean agus na leughaidhean a leanas anns an t-seirbheis:
Salm 150 Molaibhse Dia le Còisir Ghà idhlig Ileach Ghlaschu
Nuair Chaidh mi Sìos Chun an Abhainn le Ceòlraidh Ghà idhlig Ghlaschu
Soills' air mo Smuain le Seumas Greumach agus Ros MacMhathain
Faisg air mo Dhia le Willie Caimbeul agus Isobel NicLeòid
Leughaidhean:
Isaiah 35: 1-10
Mata 11: 2-11
Rugadh Dòmhnall Mìcheal ann am Baile Ghobhainn an Glaschu ach b' ann am baile Bhragair air taobh siar Leòdhais a thogadh e. Bha e ag obair ann an Roinn an Ionmhais aig Comhairle nan Eilean Siar airson seachd bliadhna agus às dèidh sin fhuair e obair a' teagasg ceòl ann an sgoiltean Leòdhais agus na Hearadh gus an deach e a-staigh airson na ministrealachd ann an 1995. Tha e na mhinistear air Eaglais Gairbraid ann an sgìre Maryhill an Glaschu. Bha e roimhe na bhall de Chomataidh Ciùil Eaglais na h-Alba agus cuideachd na rùnaire air Comataidh Ghà idhlig na h-Eaglaise.
Tha dà bhalach aige, Joel agus Samuel, agus tha e fhèin agus iad fhèin a' leantainn Na Buddies, sgioba ball-coise St Mirren. Tha pìos talmhainn aige anns an ath bhaile far am bi e a' cur lusan - buntà ta, cà l agus currain - mar a thuirt e fhèin, "dìreach mar Fiollagan".
Tha taigh fhathast aig Dòmhnall Mìcheal ann an Steòrnabhagh agus 's caomh leis a bhith a' tilleadh ann airson saor-là ithean.
Nuair a bhios ùine aige dha fhèin, bidh e a' cluich a' phìob agus a' coimhead Laurel and Hardy.
Last on
More episodes
Broadcasts
- Sun 11 Dec 2022 09:00Â鶹Éç Radio nan Gà idheal
- Sun 11 Dec 2022 15:00Â鶹Éç Radio nan Gà idheal