còmhla ri Cathy NIcDhòmhnaill
Cèiliche na seachdain ag innse mu thuras stoirmeil air Muir Thasman agus reggae ann am beanntan Iameuga! Cathy chats to Dr Donald John Murray about his career and many adventures.
Eadar seo agus an Nollaig, tha sinn a' toirt sùil air leabhraichean a nochd am-bliadhna, a tha stèidhichte air a' Ghà idhealtachd is na h-Eileanan neo air eachdraidh na h-Alba. An-diugh, gheibh sinn beachd Faye NicDiarmaid air an leabhar ficsean, The Party House, air a sgrìobhadh le Lin Anderson.
Tha film ga shealltainn ann a Steòrnabhagh oidhche Haoine, air a bheil Calman Na Loch. Tha e stèidhichte air a' phròiseact, Bà ta nan Salm a chaidh a chuir air chois ann a Leòdhas roimhe mu na h-eathraichean a bha a' toirt dhaoine dhan eaglais air Loch Èireasort. Seo a' chiad uair a thèid a' film fhaicinn agus tha an stiùiriche, Déirdre Nà Mhathúna ag innse do Chathy mu dheidhinn.
Tha sinn a' faighinn an dara earrann de chòmhradh eadar Cathy agus Dòmhnall Iain Moireach, mar chèiliche na seachdain. Tha e air a bheatha-obrach a chuir seachad na dhotair medigeach ann an diofar cheà rnaidhean dhen t-saoghal. An-diugh, tha e ag innse do Chathy mun iomadh rud anns an deach e an sà s, a thuilleadh air dotaireachd - bho thuras seòlaidh fiadhaich air Muir Thasman gu bhith ag èisteachd reggae ann am beanntan Iameuga!
Last on
More episodes
Broadcasts
- Wed 7 Dec 2022 09:00Â鶹Éç Radio nan Gà idheal
- Wed 7 Dec 2022 22:25Â鶹Éç Radio nan Gà idheal