Main content
Litir do Luchd-ionnsachaidh 1220
Litir do Luchd-ionnsachaidh le Ruairidh MacIlleathain. Litir à ireamh 1220. Roddy Maclean reads this week's letter for Gà idhlig learners.
Last on
Sun 4 Dec 2022
13:55
Â鶹Éç Radio nan Gà idheal
More episodes
Corresponding Litir Bheag
An Litir Bheag 916
Clip
-
Litir do Luchd-ionnsachaidh 1220
Duration: 05:00
Litir 1220: Teis-meadhan na h-Alba
Bha mi o chionn ghoirid ann an trì à iteachan – air an aon latha – aig a bheil rudeigin iongantach anns a’ chumantas eatarra. ʼS iad trì à iteachan a thathar a’ cumail a-mach a tha a’ comharrachadh teis-meadhan na h-Alba. Tha mi a’ ciallachadh le sin ‘The Geographical Centre of Scotland’. Ciamar as urrainn trì à iteachan eadar-dhealaichte a bhith air an comharrachadh mar mheadhan cruinn-eòlach na h-Alba? Agus cà it a bheil iad?
Thòisich mo thuras air Gà idhealtachd Siorrachd Pheairt. Bha mi a’ siubhal gu tuath ann an carbad. B’ e a’ chiad à ite a rà inig mi a tha – math dh’fhaodte – ann an teis-meadhan na h-Alba, beinn air a bheil Dùn Coilich.
Nise, chan eil Dùn Coilich ro à rd. Ach tha e faisg air beinn a tha fìor à rd agus ainmeil. ʼS e sin Sìth Chailleann – agus bidh cuid a’ cumail a-mach gu bheil Sìth Chailleann fhèin a’ comharrachadh teis-meadhan na h-Alba. Ach, a rèir tomhais, tha an là rach air cliathaich Dhùn Coilich.
Ciamar a thathar a’ tomhas teis-meadhan na h-Alba? ʼS e aon dòigh an centre of gravity method. Nam biodh tìr-mòr na h-Alba air a chruthachadh ann an cairt-bhòrd, ʼs e sin an t-à ite far an cuireadh tu prìne agus sheasadh an dùthaich gun a bhith a’ tuiteam taobh seach taobh. Le bhith ga thomhas mar sin, ʼs e Dùn Coilich teis-meadhan na h-Alba.
An do mhothaich sibh gun tuirt mi ‘tìr-mòr na h-Alba’? Tha fhios gu bheil feadhainn agaibh a’ fuireach air eileanan! Nuair a bheir sinn na h-eileanan a-steach, tha teis-meadhan na dùthcha ann an à ite eadar-dhealaichte. A rèir choltais, tha e ann an Athall, faisg air rathad mòr an A9. Agus chaidh mi seachad air sin anns a’ chà r mu leth-uair a thìde an dèidh Dhùn Coilich.
Ach bha aon à ite eile a’ feitheamh rium, far a bheil teis-meadhan na h-Alba, mas fhìor. Tha e faisg air Bail’ Ùr an t-Slèibh ann an Gleann Truim. Aig aon à m, bha an t-Suirbhidh Òrdanais ag rà dh gum b’ e seo meadhan na dùthcha. Shnaigh iad crois ann an clach ann an gà rradh ri taobh an rathaid. Tha i ann fhathast. Chuir iad plaig an-à irde cuideachd, barrachd air aon turas. Ach bha na plaigean air an goid. Mar sin, sguir iad bho bhith a’ cur plaigean ùra an-à irde.
Ge-tà , bha muinntir Bhà ideanach airson ʼs gum biodh an t-à ite air a chomharrachadh gu h-oifigeil. Ann an dà mhìle ʼs a còig-deug (2015), chaidh clach mhòr a chur ann ri taobh an rathaid. Tha plaig oirre a tha ag innse dhuinn gur e sin teis-meadhan na h-Alba.Â
Dè ur beachd fhèin? Cò am measg nan trì à iteachan a tha ann an teis-meadhan na h-Alba? Ciamar as urrainn tomhas a dhèanamh air dùthaich eileanach gun a bhith a’ gabhail a-steach nan eilean? Agus, co-dhiù, a bheil an t-Eilean Sgitheanach a-nise mar phà irt de thìr-mòr leis gu bheil drochaid ga cheangal ri tìr-mòr?
Agus bidh Alba ag atharrachadh fad na h-ùine. Bidh pìosan de na cladaichean againn a’ dol am meud. Bidh feadhainn eile a’ dol an lughad. Sin mar a tha. Aig a’ cheann thall, a bheil e gu diofar dè an t-à ite a th’ ann an teis-meadhan na dùthcha?

Faclan na Litreach
Faclan na Litreach: Gà idhealtachd Siorrachd Pheairt: Highland Perthshire; math dh’fhaodte: perhaps; Sìth Chailleann: Schiehallion; a’ tomhas: measuring, assessing; tìr-mòr: mainland; Athall: Atholl; Bail’ Ùr an t-Slèibh: Newtonmore; Gleann Truim: Glen Truim; an t-Suirbhidh Òrdanais: The Ordnance Survey; drochaid: bridge.
Abairtean na Litreach
Abairtean na Litreach: anns an aon latha: in the same day; aig a bheil rudeigin iongantach anns a’ chumantas eatarra: which have something unusual in common between them; a thathar a’ cumail a-mach a tha a’ comharrachadh teis-meadhan na h-Alba: which is reckoned to mark the exact centre of Scotland; a’ siubhal gu tuath ann an carbad: travelling northwards in a vehicle; beinn a tha fìor à rd agus ainmeil: a mountain which is very high and famous; an t-à ite far an cuireadh tu prìne agus sheasadh an dùthaich gun a bhith a’ tuiteam taobh seach taobh: the place where you would put a pin and the country would sit [there] without falling on either side; shnaigh iad crois: they carved a cross; clach ann an gà rradh ri taobh an rathaid: a stone in a stone wall next to the road; sguir iad bho bhith a’ cur plaigean ùra an-à irde: they stopped putting up new plaques; ciamar as urrainn tomhas a dhèanamh air dùthaich eileanach gun a bhith a’ gabhail a-steach nan eilean?: how can one measure a country which contains (has many) islands without including the islands?; bidh Alba ag atharrachadh fad na h-ùine: Scotland is changing all the time; sin mar a tha: that’s how it is; aig a’ cheann thall: in the final analysis; a bheil e gu diofar dè an t-à ite a th’ ann an teis-meadhan na dùthcha?: does it matter what place is in the very centre of Scotland?
Puing-chà nain na Litreach
Puing-chà nain na Litreach: Bidh pìosan de na cladaichean againn a’ dol am meud. Bidh feadhainn eile a’ dol an lughad: parts of our shoreline are expanding/increasing in size. Others are diminishing in size. These two expressions are really worth using and remembering. They can refer to more than geography. Tha a’ Ghà idhlig air a bhith a’ dol an lughad ro fhada, ach tha sinn an dòchas gun tèid i am meud anns an ùine romhainn ‘Gaelic has been diminishing for too long, but we hope she will increase in the future’. Note the use of the verb rach ‘go’.
Gnà thas-cainnt na Litreach
Gnà thas-cainnt na Litreach: far a bheil teis-meadhan na h-Alba, mas fhìor: where the centre of Scotland is [to be found], allegedly.
Broadcast
- Sun 4 Dec 2022 13:55Â鶹Éç Radio nan Gà idheal
Litir do Luchd-ionnsachaidh air LearnGaelic
Tha Litir do Luchd-ionnsachaidh air LearnGaelic (le PDFs)
All letters
Tha na litrichean uile an seo / The letters are available here
Podcast: Litir do Luchd-ionnsachaidh
Letter To Gaelic Learners
Podcast
-
Litir do Luchd-ionnsachaidh
Litrichean Gaidhlig do luchd-ionnsachaidh. Gaelic letters for students of the language.