Main content
Sorry, this episode is not currently available

còmhla ri Cathy NicDhòmhnaill

Taghadh bho Naoi gu Deich na seachdain còmhla ri Cathy NicDhòmhnaill. Highlights from this week's Naoi gu Deich with Cathy MacDonald.

Chuala Cathy an t-seachdain s' bho Iain MacFhionghuin a tha a' fuireach ann an Innis Tìle, far a bheil an Nollaig air tòiseachadh. Tha trì bodaich Nollaig deug aca - trobhaichean, le sgeulachd co-cheangailte ri gach fear! Tha feòil uain air a smocadh agus tòrr sgeit ga ithe san dùthaich, ach carson?

Thug Déirdre Ní Mhathúna sùil air an taisbeanadh Edinburgh: A Lost World aig Ionad Ealain Dhùn Èideann. 'S e dealbhan-camara a th' anns an taisbeanadh, air an togail le Ron O'Donnell, an taobh a-staigh de bhùithean is àitean-poblach tro na 70an agus na h-80an.

Eadar seo agus an Nollaig, tha sinn a' toirt sùil air leabhraichean a nochd am-bliadhna, a tha stèidhichte air a' Ghàidhealtachd is na h-Eileanan neo air eachdraidh na h-Alba. An t-seachdain s' thug Shona NicEanraig a beachd air an leabhar ficsean, The Bookseller of Inverness, air a sgrìobhadh le S.G. MacLean.

Thadhail Dòmhnall Iain Moireach, a bhuineas do Nis ann a Leòdhas, air Cathy mar chèiliche na seachdain. Tha e air a bheatha-obrach a chur seachad na dhotair medigeach ann an diofar cheàrnaidhean dhen t-saoghal. Tha e ag innse mu òige, an ùidh a bh' aige bho òige chun là an-diugh ann an stoc is sprèidh, mar a chaidh e a-steach airson dotaireachd an toiseach agus mu bhith dol a dh'obair ann am Paris.

57 minutes

Last on

Sun 4 Dec 2022 12:00

Broadcast

  • Sun 4 Dec 2022 12:00