Main content
Sorry, this episode is not currently available

Seonaidh Ailig MacGuaire, èildear Eaglais na h-Alba

Seirbheis còmhla ri Seonaidh Ailig MacGuaire, èildear ann an Eaglais na h-Alba an Uibhist a Tuath. Gaelic service with John A MacQuarrie, elder, Church of Scotland, North Uist.

Anns an t-seirbheis cluinnidh sibh na sailm agus an leughadh a leanas:
Salm 98: 1-2 air fonn Martyrdom agus ‘s e Lachlainn MacDhùghaill a tha os cionn na seinn.
Salm 103: 12-13 air fonn Kilmarnock agus ‘s e Dòmhnall MacIllEathain a tha os cionn na seinn. Chaidh na seinnean a chlàradh le Comann Eachdraidh Uibhist a Tuath le taic bho mhuinntir na coimhearnsachd.
Salm 32: 1-2 air fonn St David agus ‘s e Gordon MacLeòid a tha os cionn na seinn le taic bho choitheanal Eaglais na h-Alba ann am Paibeil an Uibhist a Tuath.

Leughadh: Lùcas 7: 36-48
Ceann-teagaisg: Lùcas 7

Rugadh agus thogadh Seonaidh Ailig MacGuaire ann an Solas, Uibhist a Tuath. Fhuair e foghlam ann an Sgoil Dhùn Sgealair agus Sgoil Phaibeil ann an Uibhist agus Acadamaidh Rìoghail Inbhir Nis. Nuair a thòisich e air cosnadh, bha e ag obair aig Alginate Industries far an robh e an sàs ann an obair feamainn aig an àm sin. Chuir e seachad seachd bliadhna fichead ag obair eadar Roinn Taigheadas Chomhairle nan Eilean Siar agus Buidheann Taigheadais Innse Gall. Leig e dheth a dhreuchd aig HHP bho chionn còig bliadhna agus goirid an dèidh sin, phòs e agus ghluais e a dh' Inbhir Nis. 'S ann air croit a rugadh 's a thogadh e agus bidh e 'n Uibhist gu math tric ri obair fearainn còmhla ri bhràthair. Thàinig atharrachadh na bheatha bho chionn còrr air deich bliadhna fichead agus thòisich e air beagan searmonachaidh a' dhèanamh mu fhichead bliadhna air ais. Tha Seonaidh Ailig na èildear ann an Eaglais Chille-Mhoire ann an Uibhist a Tuath.

30 minutes

Last on

Sun 2 Jul 2023 15:00

Broadcasts

  • Sun 27 Nov 2022 09:00
  • Sun 27 Nov 2022 15:00
  • Sun 2 Jul 2023 09:00
  • Sun 2 Jul 2023 15:00