Main content
Sorry, this episode is not currently available

còmhla ri Maureen NicLeòid

Bheil feum air a dhol air ais gu fasain na 70an san dachaigh airson gearradh air ais air cosgaisean? Is it back to the 70s for UK households struggling to cut back on costs?

Bha an Rìgh Èideard VII trì fichead bliadhna mar oighre a' chrùin, mus do chaochail a mhàthair, a Bhanrigh Bhioctoria, ann a 1901. Tha an Dotair Dòmhnall Uilleam Stiùbhart a' toirt sùil air a bheatha.

Bheil cuimhne agaibhse air àm nuair nach robh leithid a rud ri siostam rèididheatar am broinn an taighe, uinneagean reòite air an taobh a-staigh tron gheamhradh agus feum air a bhith a' caomhnadh an dealan agus uisge teth? Tha feum againn uile air gearradh air ais air cosgaisean an-dràsta. Tha sinn a' cluinntinn bho fheadhainn gan robh sin nàdarrach gu leòr, fiù steach dha na 80an.

Cò direach a bh' ann a George Canning, a bha na Phrìomhaire am Breatann airson direach 119 là? Tha Iain Mac a' Phearsain a' toirt sùil air a bheatha.

Tha prògram ùr ri fhaicinn air i-Player a BhBC mu mhurt ainmeil a thachair an Glaschu tràth anns na 80an. Tha The Ice Cream Wars ag innse mar a thàinig mi-rùn, àimhreit is nàimhdeas eadar feadhainn a bha a' ruith bhanaichean reòiteagan gu ceann uabhasach, nuair a chaidh teaghlach a mharbhadh tron oidhche nan dachaigh fhèin. Tha Iain MacAmhlaigh air a bhith a' coimhead a' phrògram agus cuimhne aige cuideachd air an àm fhèin.

57 minutes

Last on

Wed 26 Oct 2022 22:25

Broadcasts

  • Wed 26 Oct 2022 09:00
  • Wed 26 Oct 2022 22:25