Main content
Sorry, this episode is not currently available

An t-Urr Murchadh A MacLeòid

Seirbheis còmhla ris an Urr Murchadh A MacLeòid, Eaglais Shaor Leantainneach Shnìosoirt. Gaelic service conducted by Rev Murdo A MacLeod, Free Church (Continuing) Snizort.

Anns an t-seirbheis cluinnidh sibh na sailm agus an leughadh a leanas:
Salm 145: 13-14 air fonn Stroudwater agus ‘s e an t-Urr Seumas MacÌomhair a tha os cionn na seinn le taic bho choitheanal Eaglais Shaor Crow Road, ann an Glaschu.

Salm 68: 18-19 air fonn Evan agus ‘s e Donnchadh Moireasdan a tha os cionn na seinn le taic bho choitheanal Eaglais Shaor Sgalpaigh.

Salm 130: 7-8 air fonn Kilmarnock agus ‘s e Alasdair MacLeòid a tha os cionn na seinn le taic cho choitheanal Eaglais Shaor Shnìosoirt.

Leughadh: Lùcas 17: 20-37
Ceann-teagaisg: Lùcas 17: 32

Tha Mgr MacLeòid na mhinistear air coitheanal Eaglais Shaor Leantainneach Shnìosoirt san Eilean Sgitheanach. Bha Mgr MacLeòid roimhe sin na mhinistear air coitheanal Phartaig agus coitheanal an Oib sna Hearadh. Buinidh Mgr MacLeòid, a rugadh ann an 1968, do Bhail' Ailein, ann an sgìre nan Loch, an Eilean Leòdhais. Tha e pòsta aig Isobel a thogadh an Orasaigh, baile beag bòidheach ann an sgìre na Pàirce, ann an Leòdhas, agus tha ceathrar chloinne aca.

30 minutes

Last on

Sun 23 Oct 2022 15:00

Broadcasts

  • Sun 23 Oct 2022 09:00
  • Sun 23 Oct 2022 15:00