Còmhla ri Cathy NicDhòmhnaill
Bheil e da-rìribh nas saoire biadh ullachadh ann an air fryer? Sales of air fryers have rocketed. Are they cheaper to run than a regular cooker and what can you make with them?
Tha an à ireamh dhaoine a tha a' ceannach inneal còcaireachd ris an canar air fryer an-drà sta air èirigh gu mòr. Dè dìreach a th' ann, dè a ghabhas a dhèanamh leis agus a bheil e da-rìribh a' sà bhaladh air cosgaisean connaidh? Tha sinn a' cluinntinn bho dhithis a tha gan cleachdadh airson còcaireachd agus bèicearachd.
Tha 50 bliadhna ga chomharrachadh bho nochd an clà r ciùil ainmeil, 'Ziggy Stardust and the Spiders from Mars' bho David Bowie. Rà inig e ìre platinum ( a' reic còrr air millean iris) dà uair. Tha sinn a' cluinntinn mun bhuaidh a bh' aig a' chlà r agus aig David Bowie fhèin air cultar anns na 70an agus às a dhèidh.
'S i Beathag Mhoireasdan, ceiliche na seachdain. Rugadh is thogadh Beathag ann an Ungaisiadar, Ùig Leòdhais - à ite a tha dlùth ga cridhe. Tha Beathag ag innse mu h-òige anns a' bhaile agus mu a beatha-obrach ann an Glaschu agus an Earra-Ghà idheal. Tha e air a bhith na thoileacheas mòr dhith a bhith an sàs ann an dreuchdan co-cheangailte ris a' Ghà idhlig. Seo a' chiad earrann de chòmhradh Beathag, leis an dara earrann ri chluinntinn aig an aon à m an-ath-sheachdain.
Last on
More episodes
Broadcasts
- Wed 12 Oct 2022 09:00Â鶹Éç Radio nan Gà idheal
- Wed 12 Oct 2022 22:25Â鶹Éç Radio nan Gà idheal