Main content
Sorry, this episode is not currently available

Le Cathy NicDhòmhnaill

Taghadh bho Naoi gu Deich na seachdain còmhla ri Cathy NicDhòmhnaill. Highlights from this week's Naoi gu Deich with Cathy MacDonald.

Cluinnidh sinn bho Chatrìona Mhoireach mun leabhar ùr Doras gun Chlàimhean, a’ chiad cho-chruinneachadh dà-chànanach de dhàin is òrain Mhurchaidh MhicPhàrlain, Bàrd Mhealaboist.

Gheibh sinn beachd bho thriùir eòlaichean air an amas a th' aig riaghaltas na Fionnlainn gum bith an dùthaich air ìre neodrach a thaobh càrboin (carbon-neutral) a ruighinn ann an 2035, agus iad airson 's gum bi 45% de na togalaichean poblach ùra air an dèanamh a-mach à fiodh.

Gach Diciadain, tha cèiliche na seachdain a' tadhal air Cathy. A seo tha i a' leantainn le còmhradh ri Dòmhnall Iain Dòmhnallach, a tha dìreach air a dhreuchd a leigeil dheth mar cheannard air tè de phrìomh àrd-sgoiltean Dhùn Èideann, Àrd-sgoil Sheumais Ghilleasbuig. Rugadh agus thogadh e ann an Loch nam Madadh agus Blathaisbhal an Uibhist a Tuath, mac Ruairidh Sheònaidh Ruairidh à Hoghaigearraidh agus Flòrag Baoideach. Cluinnidh sinn mun toileacheas mhòr a tha dithis uchd-nigheanan a' toirt dha fhèin 's dha bhean Alice.

Thèid an Treas Rìgh Teàrlach a chrùnadh an-ath-bhliadhna. Ach cò bh' anns a' Chiad agus an Dara Rìgh Teàrlach? Tha an Dr Dòmhnall Uilleam Stiùbhart a' tional cuid de na sgeulachdan as inntinniche mun deidhinn!

57 minutes

Last on

Sun 9 Oct 2022 12:00

Broadcast

  • Sun 9 Oct 2022 12:00