Cuairt shamhraidh an luchd-siubhail
Easaidh Stiùbhart, te den luchd-siubhail mu dheireadh, a' gabhail a' rathaid a bhiodh aca. Essie Stewart, one of the last Highland travelling people, takes us on their summer route.
Bha an dithis a tha dhar toirt cuairt a' rathaid a seo ann an 2007 a' comharrachadh gu robh iad an ceithir fichead na bu trà ithe am-bliadhna - Easaidh Stiùbhart agus Aonghas Dubh MacNeacail. 'S e turas toilicht' agus cianail a th' ann, a tha a' dùsgadh iomadach cuimhneachan agus a tha ag innse uiread mun dòigh-beatha bheartach a bh' aig luchd-siubhail, a' leantainn rà ithean na bliadhna, a' sealltainn cho là idir agus a bha am fèin-aithne.
Buinidh Easaidh do theaghlach luchd-siubhail à Cataibh agus gach samhradh còmhla ri mathair, Mà iri, agus a seanar, Ali Dall Stiùbhart, a choisinn fìor chliù mar sgeulaiche Gà idhlig, shiubhaladh iad suas ri còig cheud mìle tro na glinn agus mu chuairt nan cladaichean an Cataibh a' leantainn na h-eich is a' chairt. Tha Easaidh a' smaoineachadh gur ann ann an 1978 a rinn duine a bhuineadh dhi an turas mu dheireadh.
A seo tha i fhèin agus Aonghas a' tòiseachadh sa Luirg, far a robh taigh aca 's far a robh iad a' fuireach fad a' gheamhraidh.
Last on
Broadcasts
- Wed 14 Sep 2022 20:00Â鶹Éç Radio nan Gà idheal
- Sun 18 Sep 2022 10:00Â鶹Éç Radio nan Gà idheal