Main content
Sorry, this episode is not currently available

24/8/22 le Cathy NicDhòmhnaill

An t-eadar-dhealachadh a tha clònadh a' dèanamh ann an saidheans. The role of cloning in genetic science.

Tha an Dr Alasdair MacCoinnich a' leantainn air leis an t-sreath air gintinneachd; an-diugh, clònadh. Agus bidh Fionnlagh Cuniffe, a tha na eòlaiche-bith-mheadaigeach agus ceum aige cuideachd ann an anatomachd, a' taghadh eisimpleirean de dh'amannan nuair a chaidh clònadh a chleachdadh, 's dè a dh'fhaodadh a bhith romhainn.

'S i Faye NicDhiarmaid cèiliche na seachdain. Rugadh is thogadh Faye ann an Glaschu do phàrantan eileanach agus b' i a' chiad sgoilear riamh sa bhaile a choisinn deuchainn sa Ghàidhlig aig àrd-ìre. Às a sin, thug i a-mach a bhith na tidsear, phòs i Sgitheanach agus ghluais iad dhan eilean. Tha Faye air iomadh dreuchd a dhèanamh bhon uairson bho bhith a' rannsachadh na tha de dhaoine gun dhachaigh anns an Eilean Sgitheanach gu bhith a' brosnachadh chloinne gu leughadh. 'S e sin fear de na prìomh chur-seachadan aice fhèin, 's i air a bhith le ceann ann a leabhar bho h-òige.

57 minutes

Last on

Wed 24 Aug 2022 22:25

Broadcasts

  • Wed 24 Aug 2022 09:00
  • Wed 24 Aug 2022 22:25