Main content
Litir do Luchd-ionnsachaidh 1204
Litir do Luchd-ionnsachaidh le Ruairidh MacIlleathain. Litir à ireamh 1204. Roddy Maclean reads this week's letter for Gà idhlig learners.
Last on
Sun 14 Aug 2022
13:55
Â鶹Éç Radio nan Gà idheal
More episodes
Corresponding Litir Bheag
An Litir Bheag 900
Clip
-
Litir do Luchd-ionnsachaidh 1204
Duration: 05:00
Litir 1204: An NC500 agus a' Ghà idhlig
Tha mi cinnteach gu bheil diofar bheachdan aig diofar dhaoine air an NC500. A bheil sibh a’ tuigsinn dè th’ ann? Cuairt-rathaid ann an ceann a tuath na Gà idhealtachd. Tha e a’ tarraing luchd-turais don sgìre. Agus bidh feadhainn a’ faighinn buannachd à s.Ìý
Ach tha mòran dhen luchd-turais a’ draibheadh gu math luath. Agus chan eil na rathaidean freagarrach airson trafaig throm. Bidh mise a’ cur mòran tìde seachad air a’ Chomraich, ann an Taobh Siar Rois, a th’ air an t-slighe. Tha droch bheachd aig gu leòr de mhuinntir an à ite air an NC500 oir tha rathaidean singilte againn anns an sgìre air fad. Chan eil rathad dùbailte anns an sgìre ann.Ìý
Bidh mòran luchd-turais a’ tighinn ann nach eil cleachdte idir ri rathaidean cumhang singilte. Rathaidean mar fhear nam beann a tha a’ dol thairis air bealach ainmeil ris an canar Bealach na Bà .Ìý
Bha mi a’ beachdachadh an latha eile air na chanadh daoine ann an Gà idhlig ann an co-cheangal ri draibheadh air an NC500. Seo agaibh eisimpleirean. Air ur socair – tha sibh a’ draibheadh ro luath. Take it easy – you’re driving too fast. Air ur socair – tha sibh a’ draibheadh ro luath. Greasaibh oirbh – tha sibh ro mhall! Get a move on – you’re too slow. Greasaibh oirbh – tha sibh ro mhall! Tha e doirbh a h-uile duine eile a shà sachadh air rathad singilte!
Sin à ite-seachnaidh – cleachdaibh e! That’s a passing place – use it! Sin à ite-seachnaidh – cleachdaibh e! An leig sibh seachad mi? Will you let me past? An leig sibh seachad mi? Feumaidh sibh a dhol an comhair ur cùil, a charaid. You’ll have to reverse, my friend. Feumaidh sibh a dhol an comhair ur cùil, a charaid. Tha an t-à ite-seachnaidh as fhaisge dìreach air ur cùlaibh. The nearest passing-place is just behind you. Tha an t-à ite-seachnaidh as fhaisge dìreach air ur cùlaibh.
Chan eil e glic a bhith a’ siubhal ann an sreath mòr charbadan. It’s not wise to travel in a convoy of vehicles. Chan eil e glic a bhith a’ siubhal ann an sreath mòr charbadan. An leig sibh carbad na banaltraim seachad – math dh’fhaodte gu bheil cabhag oirre. Will you allow the nurse’s vehicle to pass you – she might be in a hurry. An leig sibh carbad na banaltraim seachad – math dh’fhaodte gu bheil cabhag oirre.
Agus tha mi air seo a rà dh turas no dhà : Chan eil ann ach bò Ghà idhealach agus a laogh. Cha leig sibh a leas stad ann am meadhan an rathaid airson dealbh a thogail! It’s only a Highland cow and its calf. You don’t need to stop in the middle of the road to take a picture! Chan eil ann ach bò Ghà idhealach agus a laogh. Cha leig sibh a leas stad ann am meadhan an rathaid airson dealbh a thogail!
Sin agaibh sreath de dh’abairtean a dh’fhaodadh a bhith feumail air an NC500. Ach ’s dòcha gur e seo an tè as cudromaiche ri rà dh aig toiseach an latha. Chan eil rud sam bith a’ dol a chur suas no sìos mi an-diugh. Nothing is going to upset me today. Chan eil rud sam bith a’ dol a chur suas no sìos mi an-diugh.

Faclan na Litreach
Faclan na Litreach: A’ Chomraich: Applecross; Taobh Siar Rois: Wester Ross; slighe: route; rathaidean singilte: single-track roads; cumhang: narrow; Bealach na Bà : the pass of the cow[s]; mall: slow; à ite-seachnaidh: passing-place; glic: wise; carbad: vehicle; banaltram: nurse; bò Ghà idhealach: Highland cow; laogh: calf.
Abairtean na Litreach
Abairtean na Litreach: Tha mi cinnteach gu bheil diofar bheachdan aig diofar dhaoine air an NC500: I’m sure that different people have different opinions on the NC500; cuairt-rathaid ann an ceann a tuath na Gà idhealtachd: a road tour in the north of the Highlands; tha e a’ tarraing luchd-turais don sgìre: it attracts tourists to the area; bidh feadhainn a’ faighinn buannachd à s: some people derive a benefit from it; freagarrach airson trafaig throm: suitable for heavy traffic; bha mi a’ beachdachadh an latha eile air: I was considering the other day; na chanadh daoine ann an Gà idhlig: what people would say in Gaelic; ann an co-cheangal ri draibheadh air: in connection with driving on; air ur socair: take it easy; greasaibh oirbh: hurry up; tha e doirbh a h-uile duine eile a shà sachadh: it’s hard to satisfy everybody else; feumaidh sibh a dhol an comhair ur cùil, a charaid: you’ll have to reverse, my friend [you’ll also hear people say ‘reversadh’]; dìreach air ur cùlaibh: just behind you; math dh’fhaodte gu bheil cabhag oirre: perhaps she is in a hurry; cha leig sibh a leas stad ann am meadhan an rathaid airson dealbh a thogail: you don’t need to stop in the middle of the road to take a picture;’s dòcha gur e seo an tè as cudromaiche ri rà dh aig toiseach an latha: perhaps this is the most important one to say at the start of the day.
Puing-chà nain na Litreach
Puing-chà nain na Litreach: Chan eil rathad dùbailte anns an sgìre ann: there is no double [two-laned] road in the area. The ‘ann’ at the end of the sentence here is not strictly necessary but is used idiomatically to emphasise the point being made.Ìý
Gnà thas-cainnt na Litreach
Gnà thas-cainnt na Litreach: Chan eil rud sam bith a’ dol a chur suas no sìos mi an-diugh: Nothing is going to upset me today.
Broadcast
- Sun 14 Aug 2022 13:55Â鶹Éç Radio nan Gà idheal
Litir do Luchd-ionnsachaidh air LearnGaelic
Tha Litir do Luchd-ionnsachaidh air LearnGaelic (le PDFs)
All letters
Tha na litrichean uile an seo / The letters are available here
Podcast: Litir do Luchd-ionnsachaidh
Letter To Gaelic Learners
Podcast
-
Litir do Luchd-ionnsachaidh
Litrichean Gaidhlig do luchd-ionnsachaidh. Gaelic letters for students of the language.