Main content
Sorry, this episode is not currently available

24/07/22 le Cathy NicDhòmhnaill

Taghadh bho Naoi gu Deich na seachdain còmhla ri Cathy NicDhòmhnaill. Highlights from this week's Naoi gu Deich with Cathy MacDonald.

Diciadain, chuala sinn bho fheadhainn ann an diofar sgìrean de Shasainn mu dè direach cho teth 's a bha e aca an t-seachdain sa agus dè mar a sheas iad ris.

Chaidh iris ùr den òran ainmeil, Blowin' In The Wind le Bob Dylan, a reic bho chionn ghoirid son £1.5 millean. Dimàirt, bha sinn a' faighneachd, a bheil àite aig òrain de sheòrsa fhathast, òrain a tha togail air cuspairean sòisealta agus poilitigeach neo 'protest songs' mar a chanar riutha 's a Bheurla?

'S i Cairìstiona Allon a bha na cèiliche aig Cathy, madainn Diciadain. Bha i a' bruidhinn air a h-òige ann a Leòdhas agus a beatha-obrach ann a seirbheisean a bha a' toirt comhairle obrach do dhaoine.

Gach seachdain sa ghreis a tha romhainn, bidh sinn a' toirt beachd air a' bhuaidh iongantach a tha gintinneachd a' toirt air ar beatha làitheil. Thòisich sinn an t-seachdain'sa le sùil air beatha Gregor Mendel, manach a rugadh bho chionn 200 bliadhna 's ris an canar 'the father of genetics'.

57 minutes

Last on

Sun 24 Jul 2022 12:00

Broadcast

  • Sun 24 Jul 2022 12:00