An t-Urr Siùsaidh NicDhonnchaidh, an Eaglais Bhaisteach
Seirbheis còmhla ris an Urr Siùsaidh NicDhonnchaidh bhon an Eaglais Bhaisteach, Gaelic service with Rev Suzie Roberts, minister with the Baptist Church.
Anns an t-seirbheis cluinnidh sibh na laoidhean, salm agus na leughaidhean a leanas:
An còmhlan Cliar a’ seinn Salm 108.
Còisir Eaglais Naomh Barr a’ seinn ‘Seo an Gaol' agus 'S e ’n Tighearna Fhèin mo Chìobair’
Calum agus Catrìona Rothach a’ seinn 'Gum B’fhèarr Leam Ìosa'
Agus am buidheann Seinneamaid Còmhla ann an Stafainn a’ seinn ‘Tha Mo Chridhe Là n de Bhuidheachas’
Leughaidhean:
Isaiah 40: 18-31
Mata 6: 25-34
Thà inig Siùsaidh NicDhonnchaidh (no Siùsaidh Algie, mar a bh' oirre mus do phòs i) dhan Eilean Sgiathanach bho chionn 25 bliadhna nuair a bha i sia bliadhna deug. Dh'ionnsaich i Gà idhlig aig Ard-sgoil Phort Rìgh, 's chaidh i an uair sin gu Sabhal Mòr Ostaig. Bha i na neach-naidheachd air telebhisean agus rèidio airson ochd bliadhna deug, ag obair air prògraman leithid Telefios air Telebhisean Grampian agus Eòrpa is Aithris na Maidne air a' BhBC. Ghluais i a Shasainn ann an 2002 agus phòs i Mìcheal ann an 2005. Dìreach bliadhna às dèidh dhi pòsadh thà inig aillse broillich oirre, ach fhuair i seachad air.
Tha Siùsaidh air a bhith na Crìosdaidh fad 38 bliadhna, agus tha i ag rà dh "gu bheil Dia air rudan mìorbhaileach a dhèanamh na beatha". Bha i fhèin agus an duine aice, Mìcheal, a' fuireach ann an Lunnainn cho fad 's a bha Siùsaidh a' trèanadh airson na ministrealachd san Eaglais Bhaisteach aig Colaiste Spurgeon.
Fhuair i cead-searmonachaidh ann an 2017 agus bha i fhèin is Mìcheal, an duine aice, stèidhichte ann am Poole ann an Dorset far an robh i na ministear air Eaglais Bhaisteach Longfleet. Bho chionn ghoirid tha Siùsaidh, Mìcheal agus mà thair Siùsaidh air gluasad a dh'Alba.
Last on
Broadcasts
- Sun 26 Jun 2022 09:00Â鶹Éç Radio nan Gà idheal
- Sun 26 Jun 2022 15:00Â鶹Éç Radio nan Gà idheal