Main content
Sorry, this episode is not currently available

An Canan Seumas MacNèill

Seirbheis còmhla ris a' Chanan Seumas MacNèill, Cathair-Eaglais Naomh Chaluim Chille. Gaelic service conducted by Canon James MacNeil, St Columba's Cathedral, Oban

Anns an t-seirbheis cluinnidh sibh na laoidhean agus na leughaidhean a leanas:
Alasdair Codona a’ seinn 'Aon Spiorad, aon Tighearna, aon Dia'.
Eardsaidh MacIllEathain a’ seinn Salm 103 le taic bho choitheanal Eaglais Moire nan Tonn agus Eaglais Naomh Eòin ann a Bhatarsaigh.
A’ seinn “Èirigh Bileag Ùr Ghorm” tha Màiri C NicNèill
Kathleen NicAonghais agus Catrìona Anna Nic a’Phì a' seinn “A Thighearna Dhia”

Leughaidhean:
A’chiad leughadh: Leabhar Gnìomhan nan Ostal 7: 55-60
An dàrna leughadh: Leabhar an Taisbeanaidh aig Naomh Eòin 22: 12-14, 16-17 &20
Soisgeul: Eòin 17: 20-26

Rugadh Mgr. Seumas an Eilean Bharraigh agus 's ann gu Colaiste na Sagairteachd anns an Ròimh a chaidh e airson ionnsachadh a bhith na shagart.

Bha e na shagart paraiste san Eilean Sgitheanach airson grunn bhliadhnaichean agus bha e cuideachd a' frithealadh paraiste an Dòrnaidh agus an Ath Leathainn. Roimhe sin, bha e na shagart paraiste ann am Beinn na Fadhla agus ann am Mòrar. Bha e cuideachd a' teagasg ann an Roinn na Diadhachd aig Oilthigh Ghlaschu airson còig bliadhna.

Tha Mgr. Seumas stèidhichte aig Cathair-eaglais Naomh Chaluim Chille san Òban. Nuair a gheibh e beagan ùine dha fhèin, 's toigh leis a bhith a' leughadh agus a' coiseachd.

30 minutes

Last on

Sun 7 Aug 2022 15:00

Broadcasts

  • Sun 29 May 2022 09:00
  • Sun 29 May 2022 15:00
  • Sun 7 Aug 2022 09:00
  • Sun 7 Aug 2022 15:00