Main content
Sorry, this episode is not currently available

18/05/22 le Cathy NicDhòmhnaill

Cò ris a tha Seville coltach ro ghèam mhòr Rangers ann an Lìog Europa a-nochd? What does Seville feel like before Rangers' big game in Europa League final?

Le luchd-leantainn agus sgioba Rangers ann an Seville, deiseil agus deònach airson cuairt dheireannach Lìog Europa - cò ris a tha am baile coltach ron ghèam a-nochd? Tha Ailig O' Henley bho UEFA.com an cuideachd Chathy às a' bhaile.

'S i Gillian Rothach, prionnsabal Sabhal Mòr Ostaig, a tha na cèiliche an t-seachdain sa, is ann an còmhradh le Cathy mu a beatha-obrach agus a slighe bho thaobh sear na h-Alba gu far a bheil i an-diugh san Eilean Sgitheanach.

Tha Coinneach MacLeòid agus Pàdraig MacCuithein dìreach air tilleadh bho chuairt anns na Stàitean Aonaichte, is iad a' sanasachd leabhar Choinnich, The Hebridean Baker. Ach dè mar a dhèilig na h-Ameireaganaich riutha?

Agus tha Joe Sanders air a' leabhar Stone Age le Jen Hadfield a leughadh, is e air a' gheàrr-liosta airson Duais Leabhair na Gàidhealtachd.

57 minutes

Last on

Wed 18 May 2022 09:00

Broadcast

  • Wed 18 May 2022 09:00