An t-Urr Ùisdean Stìubhart, Eaglais na h-Alba
Còmhla ris an Urr Ùisdean Stiùbhart, Eaglais na h-Alba ann an sgìr' Ùig agus Bheà rnaraigh. Gaelic service with Rev Hugh Stewart, Church of Scotland Minster for Uig and Bernera.
Anns an t-seirbheis cluinnidh sibh na sailm agus an leughadh a leanas:
Salm 122: 1-2 air fonn London New agus ‘s e Calum Greumach a tha os cionn na seinn le taic cho choitheanal Eaglais na h-Alba ann an Garrabost.
Salm 90: 1-2 air fonn Kilmarnock agus ‘s e Iain Dòmhnallach a tha os cionn na seinn le taic bho choitheanal Eaglais na h-Alba ann am Barabhas.
Salm 72: 17-18 air fonn Montrose agus ‘s e Coinneach Angie MacAoidh a tha os cionn na seinn le taic bho choitheanal Eaglais na h-Alba an Ùige, Leòdhas.
Leughadh: DÃ n Sholaimh
Rugadh agus thogadh Ùisdean Stiùbhart anns an Rubha ann an Leòdhas. Mus deach e a leantainn dreuchd na ministrealachd bha Mgr Stiùbhart ag obair aig Roinn an Fhoghlaim aig Comhairle nan Eilean Siar. Nuair a bha e anns an obair seo fhuair e an cothrom coinneachadh ri daoine air feadh nan eilean agus bha seo na chuideachadh agus na thaic mhòr dha nuair a chaidh e a leantainn na dreuchd ùir aige.
Chaidh Mgr Stiùbhart a phòsadh ri coitheanal Eaglais na h-Alba an sgìr' Ùig is Bheà rnaraigh anns an Ògmhios 2008. 'S e coitheanal gu math mòr a th' ann a thaobh meud na sgìre agus à ite far am faigh thu cuid de na seallaidhean as brèagha ann an Alba.
B' ann sa choitheanal seo a bha an dùsgadh bu mhotha a ghabh à ite anns na h-eileanan anns na 1820an. Bha aithrisean ann gun robh mu 7000 neach a' frithealadh seirbheisean comanachaidh aig an à m sin.
Tha Mgr Stiùbhart pòsta aig Seonag Mhoireach agus tha aon bhalach aca, Teà rlach.
Last on
More episodes
Previous
Broadcasts
- Sun 8 May 2022 09:00Â鶹Éç Radio nan Gà idheal
- Sun 8 May 2022 15:00Â鶹Éç Radio nan Gà idheal