An t-Urr Dòmhnall M MacAonghais
Seirbheis còmhla ris an Urr Dòmhnall M MacAonghais, Paraiste Eaglais Ghairbraid, Glaschu. Gaelic service conducted by Rev Donald M MacInnes, Garbraid Parish Church, Glasgow.
Ann an Dèanamaid Adhradh air an t-seachdain seo cluinnidh sibh na sailm, laoidhean agus na leughaidhean a leanas:
Salm 84: 6-12 air a sheinn le Aonghas Mac a’ Ghobhainn agus Murchadh MacLeòid.
Calum MÃ rtainn a' seinn , A Thighearna Dhia.
Mà iri Anna NicUalraig a’ seinn, ' Thighearna, thà inig thu chun a’ linne' aig Seirbheis a’ Mhòid 2019
Salm 79: 3-4 air fonn Martyrs agus ‘s e Aonghas Greumach a tha os cionn na seinn le taic bho choitheanal Eaglais Shaor Steòrnabhaigh.
Leughaidhean: Leabhar nan Gnìomharan 5: 27-32
Leabhar an Taisbeanaidh 1: 4-8
Eòin 20: 19-31
Rugadh Dòmhnall Mìcheal ann am Baile Ghobhainn an Glaschu ach b' ann am baile Bhragair air taobh siar Leòdhais a thogadh e. Bha e ag obair aig roinn an ionmhais aig Comhairle nan Eilean Siar airson seachd bliadhna agus às dèidh sin fhuair e obair a' teagasg ceòl ann an sgoiltean Leòdhais agus na Hearadh gus an deach e a-staigh airson na ministrealachd ann an 1995. Tha e na mhinistear air paraiste Gairbraid ann an sgìre Mary Hill. Bha e roimhe na bhall de Chomataidh Ciùil Eaglais na h-Alba agus cuideachd na rùnaire aig Comataidh Ghà idhlig na h-Eaglaise.
Tha dà bhalach aige, Joel agus Samuel, agus tha e fhèin agus iad fhèin a' leantainn na 'Buddies' - sgioba ball-coise St Mirren. Tha pìos talmhainn aige anns an ath bhaile far am bi e a' cur lusan - buntà ta, cà l agus currain - mar a thuirt e fhèin, 'dìreach mar Fiollagan'.
Tha taigh fhathast aig Dòmhnall Mìcheal ann an Steòrnabhagh agus is caomh leis a bhith tilleadh ann airson saor-là ithean.
Nuair a bhios ùine aige dha fhèin, bidh e a' cluich a' phìob agus a' coimhead Laurel and Hardy.
Last on
More episodes
Broadcasts
- Sun 24 Apr 2022 09:00Â鶹Éç Radio nan Gà idheal
- Sun 24 Apr 2022 15:00Â鶹Éç Radio nan Gà idheal