A Bheatha san Eaglais
Murchadh MacIllFhinnein à Marabhaig ag innse mu bheatha san eaglais do dh' Annella Nicleòid. Murdo Maclennan from Marvig tells Annella Macleod of his life in the church.
'S e iasgair a th' ann a Murchadh MacIllFhinnein, Murchadh Aonghais Dhòmhnaill à Marabhaig, an ceann a deas sgìre na Loch air taobh sear Eilean Leòdhais, gu chùl; an duine bho dheireadh a bha ag iasgach a’ sgadain a Leòdhas a th‘ air sgeul an-diugh agus e a‘ sreap ri ceithir fichead ’s a còig deug. Rugadh e ann an 1928 agus thòisich a bheatha iasgaich aig aois gu math òg. Cha deach a thogail dhan chogadh ri linn cuing agus bha e ag iasgach a-mach à Steòrnabhagh fad bhliadhnaichean a' chogaidh 's fad dà fhichead bliadhna às dèidh sin. Còmhla ris air an h-aon eathraichean fad nam bliadhnaichean sin bha a dhithis bhrà ithrean, Donnchadh ‘s Murdo John, le bhrà thair Domhnall còmhla riutha greiseag cuideachd.
Thog Murchadh fianais san eaglais na dhuin' òg 's tha e air a bhith na èildear bho 1958 agus air a bhith os cionn na seinn san eaglais nas fhaide na sin. A seo, ann an Eaglais na Pà irce an Ghrabhair, tha e còmhla ri Annella Nicleòid 's e a' toirt dhuinn eachdraidh na h-eaglaise, a' cuimhneachadh air mar a bha òrdaighean dham frithealaadh agus ag innse mar a thà inig e fhèin gu bhith na Chrìosdaidh.
Last on
More episodes
Previous
Broadcasts
- Mon 28 Mar 2022 12:00Â鶹Éç Radio nan Gà idheal
- Mon 28 Mar 2022 22:00Â鶹Éç Radio nan Gà idheal
- Sun 3 Apr 2022 13:00Â鶹Éç Radio nan Gà idheal