An t-Urr Calum MacLeòid
Seirbheis còmhla ris an Urr Calum MacLeòid, (nach maireann) Eaglais na h-Alba, Cill Mhearnaig 1990. Gaelic archive service from 1990 conducted by the late Rev Calum MacLeod.
Anns an t-seirbheis cluinnidh sibh na sailm agus an leughadh a leanas:
Salm 89: 8-9 air fonn Bangor agus 's e Iain MacPhilip a tha os cionn na seinn le taic bho choitheanal Eaglais na h-Alba ann am Bearnaraigh.
Salm 107: 1-2 air fonn Kilmarnock agus 's e Dòmhnall Iain MacIllinnein a tha os cionn na seinn le taic bho choitheanal Eaglais na h-Alba ann an Loch na Madadh.
Leughadh: Genesis 45: 1-15
Ceann-teagaisg: Genesis 45: 5
B’ ann do dh' Eilean Bheà rnaraigh a bhuineadh an t-Urramach Calum MacLeòid. Rugadh e ann an 1953, mac do Dhonnchadh MacLeòid agus Seònaid, no Seasaidh, NicPhilip. Chaidh e dhan sgoil air an eilean agus nuair a thà inig an t-à m dha a’ dhol dhan à rd-sgoil, chaidh e chun an Tairbeirt agus an uair sin a sgoil Phort Rìgh. Bha cothrom aige Inbhir Nis no Port Rìgh a thaghadh, ach cho-dhùin a phà rantan gun cuireadh iad a Phort Rìgh e, oir bha tè de na cà irdean aige air an t-siathamh bliadhna san sgoil ann an sin.
Nuair a bha e deiseil san à rd-sgoil chaidh Mgr MacLeòid a dh' Oilthigh Shruighlea agus a Dhùn Èideann. Nuair a bha e òg, bha buaidh aig teagasg luchd-eaglais air, ach tha e ag rà dh gur e an duine bu mhotha a thug buaidh air na bheatha spioradail maighstir-sgoile, Forrest Moffat, a bh' ann an Sgoil Phort Rìgh aig an à m agus a bha cuideachd os cionn an ostail. B' e an dòigh labhairt aige, a chaithe-beatha, agus mar a bhiodh iad a' gabhail an ùrnaigh gach madainn agus feasgar a thug buaidh air. B' e duine laghach a bh' ann, agus mhìnicheadh e nithean spioradail ann an dòigh shìmplidh, thuigseach do dhaoine òga mar a bha Calum aig an à m.
An dèidh dreuchd na ministrealachd a thoirt a-mach, chuir Mgr MacLeòid a' chiad bhliadhna seachad ann an Eaglais Chadder ann an Drochaid an Easbaig agus chaidh e an uair sin na iar-mhinistear gu Cathair-eaglais Naomh Machar ann an Obar Dheathain airson còig bliadhna. Ghluais e an uair sin gu Obar Bhrothaig far an robh e airson còig bliadhna eile. Bha e an uairsin na mhinistear airson ochd bliadhna deug ann an Eaglais Howard St Andrews ann an Cille Mheà rnaig agus chaidh e às a sin gu Eaglais Paraiste Chathair Dòmhnaill ann an Glaschu. Ann an 2017 ghluais e os cionn coitheanal Sean Pharaiste Rutherglen gus an do leig e dheth a dhreuchd ann an 2018 air sgà th trioblaidean slà inte.
Bha Mgr MacLeòid pòsta aig Ada. 'S ann à sgìre Haddington fà isg air Dùn Èideann a bha i, agus phòs iad ann an 1982. Bha triùir theaghlach aca: Beth-Joy, Duncan James agus John. Fhuair Ada i fhèin cead-searmonachaidh ann an 1984. Bha i an tòiseach a’ searmonachadh ann an coitheanalan thall sa bhos, nam measg na ministear-cuideachaidh aig Abaid Phà islig agus Cathair-Eaglais Ghlaschu. Chaidh a pòsadh ri coitheanal Eaglais Paraiste Toryglen ann an 2015 agus ghluais i an uairsin gu Eaglais Hurlford ann an taobh an Ear Siorrachd Àir ann an 2018. Bhasaich Ada ann an 2020.
Bhiodh Mgr MacLeòid a' tilleadh a Bheà rnaraigh gu math tric oir bha cà irdean aige fhathast air an eilean. Nuair a gheibheadh e ùine dha fhèin bha ùidh mhor, mhòr aige ann an coimpiutairean, gu h-à raid ann a bhith a' sgrìobhadh agus a' cruthachadh phrògraman-coimpiutair. Cheannaich e a' chiad coimpiutair ann an 1979, Sharpe MZ 80K, agus bha ùidh mhòr air a bhith aige a-riamh ann an teicneòlas. Bha e cuideachd na neach-cathrach a bha a' coimhead an dèidh cùisean conaltraidh aig Clèir Ghlaschu.
Bha sinn duilich an naidheachd a chluinntinn gun do bhà saich an t-Urramach Calum MacLeòid Disathairne sa chaidh. Thèid a thiodhlacadh ann an Eilean Bheà rnaraigh.
Last on
Broadcast
- Sun 13 Mar 2022 21:00Â鶹Éç Radio nan Gà idheal