Main content
Sorry, this episode is not currently available

An Dr Donnchadh Sneddon

Seirbheis còmhla ris an Dr Donnchadh Sneddon bho Eaglais na h-Alba.

Dr Duncan Sneddon from the Church of Scotland conducts this week's Gaelic Service.

Anns an t-seirbheis cluinnidh sibh na sailm agus an leughadh a leanas:
Salm 46: 1-2 air fonn Moravia agus ‘s e Dòmhnall Iain Dòmhnallach a tha os cionn na seinn le taic bho choitheanal Eaglais na h-Alba ann an Loch nam Madadh.

Salm 19: 9-10 air fonn Free Church agus ‘s e Ailig MacÌomhair a tha os cionn na seinn le taic bho choitheanal Eaglais Chille-Mhoire san Eilean Sgiathanach.

Leughadh: Mata 2: 1-23
Ceann-teagaisg: Mata 2

Rugadh Donnchadh Sneddon ann an Dùn Èideann agus chaidh a thogail ann am Pagastan, far an robh a phàrantan nam miseanaraidhean le Eaglais na h-Alba. Thog e a chuid Ghàidhlig aig Oilthigh Dhùn Èideann, far a bheil e a-nis ag obair mar neach-rannsachaidh ann an Roinn na Ceiltis agus Eòlas na h-Alba. Tha e na bhall den choitheanal Gàidhlig ann an Eaglais nam Manach Liath, far a bheil e a' searmonachadh bho àm gu àm. Tha e air comataidh Gàidhlig Eaglais na h-Alba, agus bho 2019-2020 bha e ag obair mar Oifigear Leasachaidh na Gàidhlig airson na h-Eaglaise.

30 minutes

Last on

Sun 23 Jan 2022 15:00

Broadcasts

  • Sun 23 Jan 2022 09:00
  • Sun 23 Jan 2022 15:00