Main content
Sorry, this episode is not currently available

Bail' Inbhir Aora le Ailean Dòmhnallach

Mar a tha fonn, Bail' Inbhir Aora, air gluasad tro dhiofar ainmean agus diofar chruthan. The many names and different versions the tune, Bail' Inbhir Aora, has had.

Cò às a thàinig na fuinn air a bheil sinn eòlach? Ann an sreath ùr, tha Coinneach Mac a’ Ghobhainn a’ còmhradh ri luchd-ciùil mu na fuinn a tha a’ còrdadh riutha, agus aig a bheil sgeulachdan inntinneach is annasach. Anns a’ phrògram sa, tha Coinneach a’ bruidhinn ris a' phìobaire ainmeil Ailean Dòmhnallach à Gleann Ùige mun fhonn, Bail' Inbhir Aora, neo Mrs MacLeod of Raasay - fonn aig a bheil iomadach ainm agus cruth air an dà thaobh de Shruth na Maoile.

Cluinnidh sinn bho Ailean mar a tha am fonn gu math ainmeil againn an-diugh sa Ghàidhlig mar Bail' Inbhir Aora - gu sònraichte air na facail do Luinneag an Iasgair a sgrìobh am bàrd Muileach, Iain MacPhàidein, aig toiseach an 20mh linn. Ach bha e eadhon an uair sin na fhonn air an robh daoine eòlach, is MacPhàidein a' sgrìobhadh an òrain dha rèir.

Air a' phìob, aithnichear am fonn mar The Campbells Are Coming neo Mrs MacLeod of Raasay - agus chuir Raibeart Burns facail ris a' phort-pìoba a chaidh a chleachdadh mar chaismeachd aig Clann Chaimbeul nuair a stèidhichear na rèiseamaidean Gàidhealach. Ach tha am fonn air taobh thall Sruth na Maoile cuideachd - is e air aithneachadh mar an òran Seann Duine Doite. Cò às a thàinig e bho thùs, agus carson a tha e air a bhith cho tlachdmhor do dh' iomadach neach-ciùil is seinneadar? 'S iad sin na ceistean a tha Ailean Dòmhnallach a' freagairt.

30 minutes

Broadcasts

  • Mon 17 Jan 2022 12:00
  • Mon 17 Jan 2022 22:00
  • Sun 23 Jan 2022 13:00