Seonaidh Ailig MacGuaire, Èildear Eaglais na h-Alba
Seirbheis aig toiseach bliadhn' ùr còmhla ri Seonaidh Ailig MacGuaire, Èildear ann an Eaglais na h-Alba an Uibhist a Tuath. John A MacQuarrie with a special service for New Year.
Anns an t-seirbheis seo cluinnidh sibh na sailm agus an leughadh a leanas:
Salm 122: 6-7 air fonn Stornoway agus ‘s e Dòmhnall Iain MacIllFhinnein a tha os cionn na seinn le taic bho choitheanal Eaglais na h-Alba ann an Loch na Madadh.
Salm 16: 5-7 air fonn Moravia agus ‘s e an t-Urr Iain Mac a’ Ghobhainn a tha os cionn na seinn le taic bho choitheanal Eaglais na h-Alba ann an Loch na Madadh.
Salm 118: 20-23 air fonn St David agus ‘s e Iain MacBheathain a tha os cionn na seinn le taic bho choitheanalan Eaglaisean Uibhist a Tuath
Leughadh: Leabhar an Taisbeanaidh 21: 1-8
Ceann-teagaisg: Leabhar an Taisbeanaidh 21: 5
Rugadh agus thogadh Seonaidh Ailig MacGuaire ann an Solas, Uibhist a Tuath. Fhuair e foghlam ann an Sgoil Dhùn Sgealair agus Sgoil Phaibeil ann an Uibhist agus Acadamaidh Rìoghail Inbhir Nis. Nuair a thòisich e air cosnadh, bha e ag obair aig Alginate Industries far an robh e an sàs ann an obair feamainn aig an à m sin. Chuir e seachad seachd bliadhna fichead ag obair eadar Roinn Taigheadas Chomhairle nan Eilean Siar agus Buidheann Taigheadais Innse Gall. Leig e dheth a dhreuchd aig HHP bho chionn còig bliadhna agus goirid an dèidh sin, phòs e agus ghluais e a dh' Inbhir Nis. Is ann air croit a rugadh 's a thogadh e agus bidh e 'n Uibhist gu math tric ri obair fearainn còmhla ri bhrà thair. Thà inig atharrachadh na bheatha bho chionn còrr air deich bliadhna fichead agus thoisich e air beagan searmonachaidh a' dhèanamh mu fhichead bliadhna air ais. Tha Seonaidh Ailig na èildear ann an Eaglais Chille-Mhoire ann an Uibhist a Tuath.
Last on
More episodes
Broadcasts
- Sun 2 Jan 2022 09:00Â鶹Éç Radio nan Gà idheal
- Sun 2 Jan 2022 15:00Â鶹Éç Radio nan Gà idheal