Main content
Sorry, this episode is not currently available

Nollaig is Callain

Tha Jo NicDhòmhnaill a' tòirt sùil air cleachdaidhean Nollaig is Callain sa phrògram mu dheireadh. In the final programme Jo Macdonald looks at Christmas and New Year customs.

Tha sinn air a bhith a' comharrachadh gu bheil 70 bliadhna bho chaidh Sgoil Eòlais na h-Alba a stèidheachadh aig Oilthigh Dhùn Èideann air a' bhliadhna seo. Tron bhliadhna, tha sinn air a bhith a' cluinntinn taghaidhean de chuid de na chaidh a thogail le luchd-cruinneachaidh na Sgoile, a' mhòr-chuid dheth sna 50an agus na 60an, bho dhaoine a bh' air am bogadh ann an dualchas agus beul-aithris na Gàidhlig. Chaidh an t-sreath sa a chraoladh an toiseach nuair a bha an Sgoil a' comharrachadh 50 bliadhna ann an 2001.

Sa phrògram mu dheireadh san t-sreath tha Jo NicDhòmhnaill a' coimhead air adhart ri Nollaig 's Bliadhn' Ùr agus a' dèanamh taghadh de na th' ann an tasglann na Sgoile air a' chuspair.

Gheibh sinn duain Callain às a' Rubha a Leòdhas, à Uibhist a Deas, à Beinn a' Bhadhla, à Crosbost a Lèodhas, às na Hearadh, à Earsaraidh am Barraigh agus à Àrd Gobhair; cluinnidh sinn mu Là nan Trì Rìghrean à Bhatarsaigh agus mar a bhathas a' cur feòil air falbh aig Nollaig gu càirdean air tìr-mòr. 'S e Oidhche Challainn an oidhche mhòr agus tha sinn a' faighinn iomradh air na cleachdaidhean a bha co-cheangailte ris a bh' aig na gillean Callainn agus mar a bhiodh iomain dha chluich air Là na Bliadhn' Ùire agus air làithean sònraichte eile.

30 minutes

Last on

Sun 12 Dec 2021 09:30

Broadcasts

  • Thu 9 Dec 2021 12:00
  • Thu 9 Dec 2021 22:00
  • Sun 12 Dec 2021 09:30