Main content
Sorry, this episode is not currently available

An t-ÃŒochdar

Catrìona Nic-a-phì 's i a' trusadh òrain is eile às a sgìr' dham buin i, an t-Ìochdar. Catriona MacPhee presents a selection of material recorded in the Iochdar area of South Uist.

'S e sreath ùr a' comharrachadh gu bheil 70 bliadhna bho chaidh Sgoil Eòlais na h-Alba a stèidheachadh aig Oilthigh Dhùn Èideann a th' ann a Sgaoileadh an Eòlais. Tha sinn air iarraidh air grunn dhaoine taghadh a dhèanamh air clàraidhean a tha prìseil dhaibhsan à tasglann na Sgoile ge b' e daoine a bhuineadh dhaibh, sgìre air a bheil iad eòlach neo cuspair anns a bheil ùidh aca. Agus abair gun d'fhuair sinn taghadh de dhualchas agus beul-aithris na Gàidhlig!

Bha Catrìona Nic-a-phì ag obair mar rannsaiche air a' chiad sreath, Sruth an Eòlais, a bha a' comharrachadh 50 bliadhna bho chaidh Sgoil Eòlais na h-Alba a stèidheachadh aig Oilthigh Dhùn Èideann. Tha i an-diugh a' teagasg an Glaschu ach buinidh i do sgìre an Ìochdair agus a seo tha i a' toirt 'iomradh air feadhainn de na daoine còire nach maireann a thug buaidh fad às agus faisg air mo bheatha fhèin ann an aon dòigh neo dòigh eile' às a sgìre sin.

Cluinnidh sinn aice an sgeulaiche Dòmhnall Alasdair MacIain às an Àird Mhòr, na seinneadairean Ceit NicNeacail neo Ceit Phàdraig mar a b' èolaich daoin' oirre agus Peanaidh Bheag Mhoireasdan, 's am pìobaire Alasdair Boidhd bhon Chlachan Mhòr.

30 minutes

Last on

Sun 12 Dec 2021 13:00

Broadcasts

  • Mon 6 Dec 2021 12:00
  • Mon 6 Dec 2021 22:00
  • Sun 12 Dec 2021 13:00