Main content
Sorry, this episode is not currently available

Airmsiadar agus Holm

Seumas Dòmhnallach a' rannsachadh dàimh dhaoine ri seann bhailtean an Eilein Sgitheanaich. James MacDonald explores families' ties to deserted villages on the Isle of Skye.

Tha ùidh air a bhith aig Seumas Dòmhnallach ann an eachdraidh nam fuadaichean san Eilean Sgitheanach fad a bheatha. Chuir e eòlas air a' chuspair anns an sgoil, san oilthigh agus ann a leabhraichean, gun bhruidhinn air an t-seanchas a bhiodh e a’ cluinntinn mun cuairt air. Anns an t-sreath seo tha Seumas a' cur beagan ùine seachad an cuideachd dhaoine a tha eòlach agus aig a bheil ceangal pearsanta ri cuid de na bailtean a tha falamh an-diugh airson tuigse nas fhèarr fhaighinn air carson a tha na seann àitichean sin fhathast cho prìseil dhaibh.
A seo cluinnidh Seumas mu dà bhaile air seann oighreachd Sgoire Breac beagan a tuath air Port Rìgh; oighreachd a bha aig aon àm am measg nan tuathanas chaorach bu mhotha ann an Alba. Tha dlùth cheangal aig Iain Dòmhnallach, no Iain a’ Chìobair ri Airmsiadar. Aig diofar amannan bha trì ginealaich de a theaghlach a’ fuireach ann mar chìobairean. An-diugh, chan eil duine ann agus tha pàirt den fhearann fo locha às dèidh do na h-ùghdarrasan dàm a chur faisg air làimh airson dealan a chruthachadh.
Tha Ruairidh MacLeòid, a tha air iomadh bliadhna a chur seachad ri obair chaorach san sgìre, ag innse do Sheumas mu na duilgheadsan 's na buannachdan a bh' ann a bhith ag obrachadh chaorach ann an Airmsiadar agus làrach seann bhaile eile a tha faisg air làimh, Holm.

30 minutes

Last on

Tue 27 Dec 2022 08:30

Broadcasts

  • Tue 23 Nov 2021 12:00
  • Tue 23 Nov 2021 22:00
  • Sun 28 Nov 2021 10:00
  • Tue 27 Dec 2022 08:30