An t-Urr Tormod Dòmhnallach, Bhaltos 2/2
Jo NicDhòmhnaill a' toirt sùil air beatha 's dìleab an Urr Tormod Dòmhnallach à Bhaltos. Jo MacDonald examines the life and literary legacy of Rev Norman MacDonald, Valtos, Skye.
'S e sreath ùr a' comharrachadh gu bheil 70 bliadhna bho chaidh Sgoil Eòlais na h-Alba a stèidheachadh aig Oilthigh Dhùn Èideann a th' ann a Sgaoileadh an Eòlais. Tha sinn air iarraidh air grunn dhaoine taghadh a dhèanamh air clà raidhean a tha prìseil dhaibhsan à tasglann na Sgoile ge b' e daoine a bhuineadh dhaibh, sgìre air a bheil iad eòlach neo cuspair anns a bheil ùidh aca. Agus abair gun d'fhuair sinn taghadh de dhualchas agus beul-aithris na Gà idhlig!
'S e duine a dh'fhà g dìleab phrìseil dha-rìreabh againn a th' aig Jo NicDhòmhnaill dhuinn a seo. B' ann à Bhaltos san Eilean Sgitheanach a bha an t-Urr Tormod Dòmhnallach 's bha e na mhinisteir san Eaglais Chlèireach ann an Canada agus ann an Eaglais na h-Alba ann an grunn à iteachan an Alba, nam measg Cà irinis an Uibhist a Tuath agus Gleann Eilg. Taisgte ann a Sgoil Eòlais na h-Alba tha uairean a thìde de chlà raidhean a rinn e air iomadh cuspair - creideasan is leigheasan, gèamaichean is gearradh-cainnt, nithean os-nà darra, bà ird ionadail, seanfhacail is abairtean, rannan is òrain, agus a rosg agus a bhà rdachd fhèin.
Cluinnidh sinn a seo eisimpleirean den raon farsaing sa robh ùidh aige, cho cudromach 's a bha a' Ghà idhlig dha agus an obair mhòr a rinn e 's an saothair gun deach e airson a gleidheadh dhan ath ghinealach.
Last on
More episodes
Next
Broadcasts
- Mon 22 Nov 2021 12:00Â鶹Éç Radio nan Gà idheal
- Mon 22 Nov 2021 22:00Â鶹Éç Radio nan Gà idheal
- Sun 28 Nov 2021 13:00Â鶹Éç Radio nan Gà idheal