Dibhearsan 's Cur-seachad Ã’igridh
'S e dibhearsan 's cur-seachad a bhiodh aig òigridh a th' aig Raghnaid Sandilands dhuinn. Raghnaid Sandilands with a selection of rhymes, songs and stories to amuse children.
'S e sreath ùr a' comharrachadh gu bheil 70 bliadhna bho chaidh Sgoil Eòlais na h-Alba a stèidheachadh aig Oilthigh Dhùn Èideann a th' ann a Sgaoileadh an Eòlais. Tha sinn air iarraidh air grunn dhaoine taghadh a dhèanamh air clà raidhean a tha prìseil dhaibhsan à tasglann na Sgoile ge b' e daoine a bhuineadh dhaibh, sgìre air a bheil iad eòlach neo cuspair anns a bheil ùidh aca. Agus abair gun d'fhuair sinn taghadh de dhualchas agus beul-aithris na Gà idhlig!
'S e sgrìobhaiche, eadar-theanagadair agus mà thair triùir chloinne bige a th' ann a Raghnaid Sandilands. Tha i a' fuireach ann a Srath Narainn air taobh deas Loch Nis ach 's ann air taobh siar na Gà idhealtachd a thogadh i. ‘S ann à clà raidhean a tha a’ toirt sealladh air 'dibhearsain is cridhealas is cur seachad na tìde ann an òige nam fiosaichean, air a’ chiad saoghal sin cho tric a tha a’ biathadh cuimhne is sunnd' , mar a tha i ag innse aig toiseach a' phrògraim, a tha i air a taghadh a thoirt. Cluinnidh sinn òrain beaga, rannan, duain, geasagan, cur-seachadan agus sgeulachdan aice bho thall 's a bhos.
Last on
More episodes
Previous
Next
Broadcasts
- Mon 1 Nov 2021 12:00Â鶹Éç Radio nan Gà idheal
- Mon 1 Nov 2021 22:00Â鶹Éç Radio nan Gà idheal
- Sun 7 Nov 2021 13:00Â鶹Éç Radio nan Gà idheal