Main content
Sorry, this episode is not currently available

2/5 Foghlam is Falbh

Fred MacAmhlaigh ann an còmhradh ri Dòmhnall Moireasdan mu bheatha ’s mu bhàrdachd. The late Fred MacAulay discusses his life and poetry with Donald Morrison.

B' e sàr chraoladair, sgoilear eachdraidh agus canàin, bàrd agus, nas cudromaiche buileach, Uibhisteach a bh' ann a Fred MacAmhlaigh, Freadaidh Dhòmhnaill Bhàin a' Mhullaich à Solas.

Anns a' bhliadhna 2000 rinn Fred 's am fear-naidheachd Dòmhnall Moireasdan, sreath phrògraman còmhla a' còmhradh mu na bh' aig cridhe beatha Fred eadar teaghlach, cànan agus craoladh. A thuilleadh air sin fhuair sinn cuid de a bhàrdachd a tha a' toirt sealladh air a bheatha fhèin agus air a bheachd air cor na Gàidhealtachd agus cor an t-saoghail.

A seo 's ann air a theaghlach a bha cho gràdhach aige, a làithean sgoile an Uibhist agus air buaidh a' chogaidh air a bheatha a tha iad a-mach. Cluinnidh sinn cuideachd a bhàrdachd 'Freumhaichean', 'Còmh-Thràth Mo Bheatha', 'Dòmhnall Bàn' agus 'Mòr-Anna'.

30 minutes

Last on

Sun 31 Oct 2021 10:00

Broadcasts

  • Tue 26 Oct 2021 12:00
  • Tue 26 Oct 2021 22:00
  • Sun 31 Oct 2021 10:00