Main content
Sorry, this episode is not currently available

Fearghas MacBheathain

Seirbheis Ghàidhlig còmhla ri Fearghas MacBheathain. Fergus MacBain conducts this Sunday's Gaelic service.

Anns an t-seirbheis cluinnidh sibh na sailm agus an leughadh a leanas:
Salm 89: 5-6 air fonn Torwood agus ‘s e an t-Urr Iain Mac a’ Ghobhainn a tha os cionn na seinn agus Salm 85: 9-10 air fonn Evan agus ‘s e Lachlann MacDhùghaill a tha os cionn na seinn. Chaidh an t-seinn a chlaradh ann an Eaglais na h-Alba ann an Loch nam Madadh.
Salm 57: 1 agus ‘s e Seonaidh MacSuain a tha os cionn na seinn le taic bho choitheanalan eaglaisean Leòdhais agus na Hearadh.

Leughadh: Isaiah 55: 1-11
Ceann-teagaisg: Isaiah 55: 6-7

S ann do Chnoc an Torran ann an Uibhist a Tuath a bhuineas Fearghas MacBheathain. Fhuair e oideachadh ann am Bun- agus Àrd-sgoil Phaibil an Uibhist a Tuath. Nuair a bha e deiseil anns an sgoil chur e ùine seachad ag obair mar phosta. Ann an 1990 thill e air ais dhan sgoil, agus an turas seo bha e a' frithealadh Sgoil Lionacleit airson dà bhliadhna. Bha seo mar phàirt den obair ullachaidh a bh' aige ri dhèanamh agus e a' dol a-staigh airson a bhith na mhinistear. Chur e seachad ùine ann an coitheanal Eaglais na h-Alba air an Tairbeart na oileanach agus chrìochnaich e an obair ullachaidh aige ann an Obar Dheathain. Chaidh a phòsadh ris a' chiad choitheanal aige ann an Cille-Mhoire agus Paibil an Uibhist a Tuath. Às dèidh sin ghluais e gu coitheanal a' Chnuic anns an Rubha ann an Leòdhas. Tha Fearghas agus a bhean Ella 's an dithis chloinne aca air ais ann an Uibhist a Tuath agus, ged nach eil e a' leantainn dreuchd ministeir, bidh e fhathast bho àm gu àm a' searmonachadh anns an sgìre aige fhèin. Tha e an-diugh a' sàs ann an obair chroitearachd agus ann an obair chlèireachd. Nuair a gheibh e ùine dha fhèin is toigh leis a bhith ag obair air a' chroit, anns a' ghàrradh agus a' gabhail beagan fois a' leughadh.

30 minutes

Last on

Sun 24 Oct 2021 15:00

Broadcasts

  • Sun 24 Oct 2021 09:00
  • Sun 24 Oct 2021 15:00