29/09/21 le Maureen NicLeòid
Tha 60 bliadhna bho chaidh casg a chur air an druga Thalidomide do bhoireannaich trom. 60 years since the drug Thalidomide was banned for pregnant women.
Tha 60 bliadhna bho chaidh casg a chur air an druga Thalidomide do bhoireannaich a bha a' giùlain leanabh ach, mar a chluinneas sinn bhon Dr Ailean Mac an Tuairnear, tha an druga fhathast air a chleachdadh airson aillse agus galaran eile a leigheas.
A’ comharrachadh 45 bliadhna bho chaidh Urras a’ Phrionnsa a stèidheachadh, mìnichidh Anna NicLeòid an obair a tha an t-Urras a' dèanamh gu nà iseanta agus gu h- eadar-nà iseanta cuide ri òigridh eadar 11 agus 30 bliadhna a dh'aois.
Tha taisbeanadh a’ ruith an-drà sta ann an Taigh-tasgaidh Freud ann an Lunainn – Code Name Mary: The Extraordinary Life of Muriel Gardiner. Tha e ag innse sgeulachd beatha iongantach Muriel Gardiner tro dheilbh, sgrìobhaidhean agus a fèin-eachdraidh. 'S ann an-drà sta a tha daoine mothachail air an oidhirp mhìorbhaileach a rinn i a' sà bhaladh iomadach beatha bhon rèisim Nazitheach aig à m a' chiad agus an dà rna cogaidh. Tha Cairistìona NicChonail air a bhith a' toirt sùil air ais air a beatha.
Chaidh film ùr James Bond, No Time To Die, fhoillseachadh a-raoir. Film a bhathar an dùil a bhiodh air fortan a dhèanamh as na taighean-deilbh san t-Samhain 2020, ach air sgà th glasadh-sluaigh chaidh bacadh a chur air trì turais. Seo an 27mh fiolm anns an t-sreath, ach tha ceist ann an e seo am fear mu dheireadh. Gheibh sinn beachd ceathrar a tha dèidheil air 007 a bheil an t-à m aige a dhreuchd a leigeil seachad.
Last on
More episodes
Broadcasts
- Wed 29 Sep 2021 09:00Â鶹Éç Radio nan Gà idheal
- Wed 29 Sep 2021 21:00Â鶹Éç Radio nan Gà idheal