...Mairead, Bà nrigh na h-Alba, air cuideigin eile a phòsadh?
Dè nan robh Mairead, a bhana-phrionnsa Shasannach, air Rìgh Alba a sheachnadh ann an 1068? What if the English princess, Margaret of Wessex, hadn't come to Scotland in 1068?
Dè nan robh an eachdraidh againn air a dhol rathad eile? Anns an t-sreath ùr sa, tha Coinneach Mac a' Ghobhainn a' toirt sùil air diofar amannan nar n-eachdraidh, naig puing far a robh cothrom aig eachdraidh a bhith air ar stiùireadh a dh'à iteigin eile.
Tha sinn a' siubhal air ais gu na meadhan aoisean, agus banais aig a robh buaidh dha-rìribh air cultar, eachdraidh, is cùirt na h-Alba. Bha Maolchaluim, rìgh na dùthcha, gun bhean. Agus ann an 1068, chaidh soitheach a' giùlain bana-phrionnsa Shasannach air tìr ann an Lodainn. B' i a bhana-phrionnsa Mairead, a' teicheadh bho chòmhstri ann an Sasainn às dèidh 1066. Phòsadh i Maolchaluim, a' leasachadh agus ag atharrachadh an t-uabhas sa rìoghachd - bhon eaglais, gu Beurlachadh na cùirte.
Ach dè nan robh i air Alba a sheachnadh? Dè mura robh Alba agus teaghlach rìoghail Shasainn air an ceangal ri chèile an uairsin? Dè nan robh a' Ghà idhlig air maireachdainn mar chà nan cùirte?
Sin na ceistean a tha Shonagh NicIllFhinnein agus an Dr Meg Bateman a' freagairt - agus Coinneach MacIllEathain gar stiùireadh tro eachdraidh na thachair ann an da-rìribh. Dè cho diofraichte 's a bhiodh ar dùthaich an-diugh? Bho cho Gà idhealach 's a bhiodh luchd-riaghlaidh na dùthcha, gu mar a bhiodh feallsanachdan nan eaglaisean eadar-dhealaichte, 's iomadh atharrachadh air a bheilear a' togail, a-mach às an aon bhanais rìoghail sa, bho chionn mìle bliadhna.
Last on
Broadcasts
- Tue 21 Sep 2021 12:00Â鶹Éç Radio nan Gà idheal
- Tue 21 Sep 2021 22:00Â鶹Éç Radio nan Gà idheal
- Sun 26 Sep 2021 10:00Â鶹Éç Radio nan Gà idheal