Main content
Sorry, this episode is not currently available

Iomradh air aoigheachd air Ghàidhealtachd sna làithean bho shean. Le Maighread Stiùbhart. Songs and stories of Highland hospitality. With Margaret Stewart.

'S e sreath ùr a' comharrachadh gu bheil 70 bliadhna bho chaidh Sgoil Eòlais na h-Alba a stèidheachadh aig Oilthigh Dhùn Èideann a th' ann a Sgaoileadh an Eòlais. Tha sinn air iarraidh air grunn dhaoine taghadh a dhèanamh air clàraidhean a tha prìseil dhaibhsan à tasglann na Sgoile ge b' e daoine a bhuineadh dhaibh, sgìre air a bheil iad eòlach neo cuspair anns a bheil ùidh aca. Agus abair gun d'fhuair sinn taghadh de dhualchas agus beul-aithris na Gàidhlig!

'S e aoigheachd an cuspair a tha fa-near dhan t-seinneadair agus an òraidiche Maighread Stiùbhart a seo. Mar a tha i ag ràdh, 'Eu-coltach ris an là ‘n-diugh, anns na seann làithean bha aoigheachd ga tabhann an asgaidh, agus gu dearbha cha b' e sin an aoigheachd shuarach, ach na h-annlan agus am frithealadh a b’fheàrr.'

Gheibh sinn iomradh bhuaipe air an aoigheachd a bhiodh an Cliar Sheanchain a' faighinn; na bhiodh a' dol sna taighean mòra aig na h-uaislean; na bhiodh balaich a' faighinn Oidhche Challain; na bha de bhiadh 's de dheoch a' dol aig Banais Ghleann Bhargaill; an aoigheachd a b' urrainn dhut fhaighinn air an àirigh agus na dh'fhaodadh tachairt nuair a dheigheadh brath a ghabhail air aoigheachd.

30 minutes

Last on

Sun 19 Sep 2021 13:00

Broadcasts

  • Mon 13 Sep 2021 12:00
  • Mon 13 Sep 2021 22:00
  • Sun 19 Sep 2021 13:00