...reabhlaid an Glaschu ann an 1919?
Dè nan robh Blà r Cheà rnag Sheòrais an Glaschu air reabhlaid adhbhrachadh ann an 1919? What if the Battle of George Square in Glasgow had sparked a revolution in 1919?
Dè nan robh an eachdraidh againn air a dhol rathad eile? Anns an t-sreath ùr sa, tha Coinneach Mac a' Ghobhainn a' toirt sùil air diofar amannan nar n-eachdraidh, naig puing far a robh cothrom aig eachdraidh a bhith air ar stiùireadh a dh'à iteigin eile.
San treas phrògram, tha ar sùilean a' laighe air an 20mh linn, agus à m nuair a bha a' Roinn Eòrpa air bhoil le reabhlaideachd. Bha a' Ruis air a dhol le Lenin agus na Bolsheviks ann an 1917; bha mòran an dùil gun tachradh an aon rud ann an dùthchannan eile dhen Roinn Eòrpa. Agus bha Glaschu am measg nan à itichean san robh sòisealachas gu math là idir. Ann an 1919, chuir a' riaghaltas saighdearan don bhaile, gus stad a chuir air ar-a-mach às dèidh comhstri eadar poilis is luchd-stailc.
Ach dè nan robh smachdachadh a' bhaile leis an arm air fà iligeadh? Sin a' cheist a tha Calum Iain Bartlett agus Fiona NicÌosaig a' freagairt sa phrògram sa. Dè nan robh stailc air a dhol gu reabhlaid, neo eadhon gu cogadh sìobhalta? Còmhla riutha tha Tòmas MacAilpein, a tha a' mìneachadh mar a thà inig Glaschu cho faisg air reabhlaid sna laithean sin. Cothrom cnuasachadh air aon dhe na h-amannan a b' fhaisge a thà inig Breatainn air reabhlaid shòisealach.
Last on
Broadcasts
- Tue 7 Sep 2021 12:00Â鶹Éç Radio nan Gà idheal
- Tue 7 Sep 2021 22:00Â鶹Éç Radio nan Gà idheal
- Sun 12 Sep 2021 10:00Â鶹Éç Radio nan Gà idheal