Caismeachd
'S e pìobaireachd Uibhist a Deas ris a bheil Josh Dickson à Alaska a' cur cluais. Josh Dickson gives us examples of his specialist subject; the piping traditions of South Uist.
Tha sinn a' comharrachadh gu bheil 70 bliadhna bho chaidh Sgoil Eòlais na h-Alba a stèidheachadh aig Oilthigh Dhùn Èideann air a' bhliadhna seo. Tron bhliadhna, cluinnidh sinn taghaidhean de chuid de na chaidh a thogail le luchd-cruinneachaidh na Sgoile, a' mhòr-chuid dheth sna 50an agus na 60an, bho dhaoine a bh' air am bogadh ann an dualchas agus beul-aithris na Gà idhlig. Chaidh an t-sreath sa a chraoladh an toiseach nuair a bha an Sgoil a' comharrachadh 50 bliadhna ann an 2001.
‘S e Josh Dickson, a tha an-diugh na ollamh agus os cionn Ceòl Traidiseanta aig Conservatoire Rìoghail na h-Alba, a tha a’ beachdachadh air pìobaireachd Uibhist a Deas. Tha faisg air deich bliadhna fichead bho thà inig e a dh’Alba à Alaska airson ceum a dhèanamh ann an Gà idhlig aig Oilthigh Obar Dheathain agus a lean e air a' dèanamh PhD air pìobaireachd Uibhist a Deas.
'S iad na pìobairean air a bheil e' toirt sùil Seonaidh Dòmhnallach, Seonaidh Roidein à Dalabrog a bha na phìobaire sna Camshronaich sa Chiad Chogadh; P/M Niall MacIllFhinnein; Calum Peutan, Calum Eà irdsidh Choinnich, à Staoinibrig air an fheadan; Dòmhnall Ruadh Mac an t-Saoir à Snaoiseabhal a' canntaireachd; Ruaraidh Dòmhnallach, Ruaraidh Roidein à Dalabrog; Alasdair Boidhd às an Iochdair a bha cuideachd sna Camshronaich; Aonghas Caimbeul, Aonghas 'acNèill Chatrìona à Frobost agus Uilleam Moireasdan à Loch Aineort.
A thuilleadh orrasan cluinnidh sinn cuideachd naidheachd mu phìobairean ainmeil Smeircleit.
Last on
Broadcasts
- Thu 2 Sep 2021 12:00Â鶹Éç Radio nan Gà idheal
- Thu 2 Sep 2021 22:00Â鶹Éç Radio nan Gà idheal
- Sun 5 Sep 2021 09:30Â鶹Éç Radio nan Gà idheal