02/09/21
Leabhar ùr le bà rdachd a sgrìobh Fred MacAmhlaigh. Publication of a new book featuring Fred MacAulay's poetry.
Tha coltas ann gum bi cungaidh-leighis ùr do dhaoine air a bheil coileastarail à rd ri fhaighinn tro Sheirbheis na Slà inte ann an Sasainn agus sa Chuimrigh a dh’aithghearr an dèidh do chomataidh slà inte NICE a mholadh mar leigheas èifeachdach. Tha an Dotair Andar Gunneberg air a bhith ag obair ann an Swansea airson mòran bhliadhnachan le euslaintich air a bheil coileastarail à rd neo tinneas an t-siùcair.
Bha dlùth cheangal aig ainm Fred MacAmhlaigh ri craoladh Gà idhlig ach 's e bà rd a bh' ann cuideachd. Tha rannan Fred còmhla airson a' chiad turas san leabhar Fear De Mhuinntir Sholais, deasaichte le a nighean Lindsay agus air fhoillseachadh le Acair. Tha Coinneach a' bruidhinn ri Bill Innes a chuir tionndadh Beurla orra agus ri Jo NicDhòmhnaill a sgrìobh ro-rà dh san leabhar.
Tha Iain MacAonghais ag innse mu pheatral ùr a tha nas fheà rr airson an à rainneachd; connadh air a bheil E10.
Agus le co-labhairt Cheòlais a' gabhail à ite air-loidhne a-mà ireach, cothrom èisteachd a-rithist ri turas a ghabh Coinneach a dh' Uibhist a Deas mar phà irt de thachartas Ceòlas ann an 2018.
Last on
Broadcasts
- Thu 2 Sep 2021 09:00Â鶹Éç Radio nan Gà idheal
- Thu 2 Sep 2021 21:00Â鶹Éç Radio nan Gà idheal