31/08/2021
Dè a' bhuaidh a bheir na Taliban air beatha bhoireannaich ann an Afganastan? How will women be affected by the Taliban's control of Afghanistan?
Thòisich sreath ùr den phrògram telebhisean Mortimer & Whitehouse: Gone Fishing oidhche na Sà baid air Â鶹Éç2. Thairis air na prògraman tha iad a’ siubhal air feadh Bhreatainn agus a' dèanamh beagan iasgach. Anns a' chiad prògram san t-sreath thadhail iad air Uibhist a Tuath. Tha Coinneach an-diugh a' bruidhinn ri dithis a tha gu math eòlach air a bhith ag iasgach sna h-eileanan mu na h-à itichean as fhèarr leotha airson a bhith a-muigh le slat.
Tha na Taliban air innse gu bheil iad gu bhith a' riaghladh Afganastan a rèir lagh Sharia, an lagh Ioslamach. Dè a tha seo a' ciallachadh do mhuinntir Afganastan, gu h-à raid do bhoireannaich na dùthcha? Tha eòlaiche an Ear-mheadhanaich Iain Mac a' Phearsain ga mhìneachadh dhuinn agus gheibh sinn beachd bho Sheonag NicDhòmhnaill, a b' à bhaist a bhith a' fuireach agus ag obair san dùthaich.
Agus tha Aonghas Pà draig Caimbeul a' toirt sùil air ais ann an eachdraidh. An-diugh, mar a choinnich Lech Wałęsa agus iomairt Solidarity le ceannardan An Aonaidh Shoibhietaich ann an 1980.
Last on
Broadcasts
- Tue 31 Aug 2021 09:00Â鶹Éç Radio nan Gà idheal
- Tue 31 Aug 2021 21:00Â鶹Éç Radio nan Gà idheal