Main content
Sorry, this episode is not currently available

...na Ròmanaich air fuireach an Alba?

Dè nan robh Alba - neo Caledonia - gu lèir air a bhith na pàirt den Ìmpireachd Ròmanach? What if all of Scotland - or Caledonia - had become part of the Roman Empire?

Dè nan robh an eachdraidh againn air a dhol rathad eile? Anns an t-sreath ùr sa, tha Coinneach Mac a' Ghobhainn a' toirt sùil air diofar amannan nar n-eachdraidh, aig puing far a robh cothrom aig eachdraidh a bhith air ar stiùireadh a dh'àiteigin eile.

Anns a' chiad phrògram den t-sreath, tha Koren Pickering agus Iain Mac na Ceàrdaich a' beachdachadh air a' bhliadhna a tha Alba air a soilleireachadh ann an seann eachdraidh airson a' chiad uair - AD 83 - nuair a thàinig na Ròmanaich mu thuath. A' mìneachadh cò ris a bha an iomairt agus an t-suidheachadh coltach aig an àm tha an Dr Dòmhnall Uilleam Stiùbhart. Fo stiùir Agricola, dh' fheuch iad ri Caledonia, an t-ainm a bh' air Alba an uair sin, a thoirt fo smachd Ìmpireachd na Ròimhe. Nan aghaidh, bha Calgacus agus arm Chaledonia.

Bhuannaich Agricola an aghaidh Calgacus aig Blàr Mons Graupius sa bhliadhna sin, ach cha do chùm iad grèim air Alba idir. Mar sin, bha ceann a tuath Bhreatainn saor bho smachd nan Ròmanach, agus na h-atharrachaidhean a thàinig an cois na h-ìmpireachd sa chòrr de Bhreatainn. Ach dè nan robh iad air a bhith soirbheachail? Dè nan robh Alba air dualchas Ròmanach fhaighinn? 'S iad sin na ceistean a tha Koren agus Iain a' freagairt sa phrògram.

30 minutes

Last on

Sun 29 Aug 2021 10:00

Broadcasts

  • Tue 24 Aug 2021 12:00
  • Tue 24 Aug 2021 22:00
  • Sun 29 Aug 2021 10:00