Flòraidh NicNèill
Flòraidh NicNèill le clà raidhean a rinneadh leis an teaghlach aice fhèin. Flora MacNeil presents a selection of her own recordings and also that of her mother, uncle and aunt.
Tha sinn a' comharrachadh gu bheil 70 bliadhna bho chaidh Sgoil Eòlais na h-Alba a stèidheachadh aig Oilthigh Dhùn Èideann air a' bhliadhna seo. Tron bhliadhna, cluinnidh sinn taghaidhean de chuid de na chaidh a thogail le luchd-cruinneachaidh na Sgoile, a' mhòr-chuid dheth sna 50an agus na 60an, bho dhaoine a bh' air am bogadh ann an dualchas agus beul-aithris na Gà idhlig. Chaidh an t-sreath sa a chraoladh an toiseach nuair a bha an Sgoil a' comharrachadh 50 bliadhna ann an 2001.
Tha a' bhana-sheinneadair chliùiteach Flòraidh NicNèill, nach maireann, a' toirt thugainn cuid de na h-òrain a chlà r i fhèin, a mà thair, brà thair a mà thar agus piuthar a mà thar do Sgoil Eòlais na h-Alba thar nam bliadhna.
Fhuair a mà thair, Anna NicIllÌosa, Annag Mhìcheil Nèill na h-òrain bho a mà thair fhèin à Miughalaigh agus a seo tha i a' seinn 'Fail il eileadh e ho chan eil fonn slà n orm' mar thà ladh.
Ged a bha òrain gaoil gu leòr aig brà thair a mà thar, Niall, 's e òrain mu chogaidhean bu mhotha a bhiodh aige ach 's e ’S diumbach mi do mhuinntir Bhrèibhig agus mar a chaidh an t-òran a dhèanamh a th' aige dhuinn a seo. Bha Mà iri a phiuthar a' fuireach còmhla ris, leis nach do phòs duine dhan dithis, agus bha i fhèin measail air òrain. 'S e pìos de laoidh 'S e do bheatha, Mhoire Mhaighdean a chluinneas sinn bhuaipe a seo.
'S e Calum Iain MacIllEathain agus Seumas Ennis a thà inig a Bharraigh agus a chlà r an teaghlach an toiseach. 'S e Dh’ èirich mi gu moch Diluain fear den a' chiad òrain a chlà r Flòraidh airson na Sgoile. Bhiodh i cuideachd ag ionnsachadh òrain bho dhaoine eile a thuilleadh air a mà thair agus nuair a bhiodh i dol a Bhatarsaigh air a là ithean-saora bha cothrom aice èisteachd ri Nan Eachainn Fhionnlaigh agus a mà thair agus 's e Deoch-slainte nam Muileach fear a dh'ionnsaich i bho Nan.
Nuair a ghluais Flòraidh a Dhùn Èideann bhiodh i tric a' ceilidh air Calum Aonghais Chaluim, Calum MacIain à Barraigh a bha fuireach sa bhaile, agus chur iad còmhla A Mhic Iarla nam Bratach Bà na air clà r dhan Ameireagnach Ailean Lomax a bha na fhear-cruinneachaidh ainmeil aig Sgoil Eòlais na h-Alba.
Cluinnidh sinn cuideachd 'Raghan o o hoireann o ho' aice, òran a bhiodh a mà thair tric a seinn, mu te a b' fheudar fear nach robh idir a' còrdadh rithe a phòsadh.
'S ann bho a mà thair a dh'ionnsaich Flòraidh an t-òran mu dheireadh a th' aice dhuinn, Hirlinn is hogaibh, o dèan suidhe is gabhainn sgeula.
Last on
More episodes
Previous
Next
Broadcasts
- Thu 19 Aug 2021 12:00Â鶹Éç Radio nan Gà idheal
- Thu 19 Aug 2021 22:00Â鶹Éç Radio nan Gà idheal
- Sun 22 Aug 2021 09:30Â鶹Éç Radio nan Gà idheal