17/08/21 le Maureen NicLeòid
Cò bh' ann a Geronimo agus carson a bhios sinn ag èigheachd ainm? Who was Geronimo and why do we shout his name?
Tha Anna NicLeòid còmhla ri Maureen NicLeòid agus i a' toirt sùil air na naidheachdan duilich a tha a' tighinn thugainn à Afganastan.
Tha Alpaca air a bheil Geronimo air a bhith anns na naidheachdan bho chionn ghoirid, agus deuchainnean a’ dearbhadh gu bheil Bovine TB air. Tha òrdugh air tighinn bhon Riaghaltas gun tèid cuir às dha agus tha an tè leis a bheil Geronimo a’ dol an aghaidh seo, agus i ag rà dh nach deach na deuchainnean a dhèanamh ceart.
Ach cò as a thà inig an t-ainm Geronimo? Cò a bh' ann a Geronimo agus carson a bhios sinn a’ cluinntinn daoine ag èigheachd 'Geronimo!' nuair a bhios iad a’ leum a-mach à itealain 's a leithid? Tha Mìcheal MacAoidh còmhla ri Maureen airson na ceistean seo a fhreagairt.
Cluininidh sinn cuideachd mu sgeulachd na Bana-phrionnsa Latifa a th' air a bhith anns na naidheachdan bho chionn ghoirid. Bha beachd ann gun robh a h-athair Sheikh Mohammed bin Rashid al Maktoum, Neach-riaghlaidh Dubai, ga cumail fo ghlais, ach tha grunnan dhealbhan dhen bhana-phrìonnsa air nochdadh bho chionn ghoirid agus i ann an à iteachan eadar-dhealaichte air feadh an t-saoghail. Tha Iain Mac a’ Phearsain, eòlaiche an Ear-mheadhanaich còmhla rinn airson sgeulachd Latifa innse.
Agus tha Aonghas Pà draig Caimbeul ag innse dhuinn mu Sir Walter Scott a rugadh air an t-seachdain sa bho chionn 250 bliadhna. Cluinnidh sin mu bheatha agus mu chuid sgrìobhaidh.
Last on
More episodes
Previous
Broadcasts
- Tue 17 Aug 2021 09:00Â鶹Éç Radio nan Gà idheal
- Tue 17 Aug 2021 21:00Â鶹Éç Radio nan Gà idheal