Main content
Sorry, this episode is not currently available

29/07/21 le Cathy NicDhòmhnaill

Cultur, na h-ealain, ceòl is cur-seachad aig àm bìdh, còmhla ri Cathy NicDhòmhnaill. Culture, the arts, music and lifestyle with Cathy MacDonald.

Tha an Gailearaidh Nàiseanta an dùil dealbh ainmeil air a bheil Red Boy a cheannach. Chaidh a pheantadh ann an 1825 agus tha am balach beag anns an dealbh air nochdadh bhon uair sin air iomadh tiona bhriosgaidean, tiona tofaidh agus air stampaichean-puist. Carson agus cò a bh' ann?

Tha clàr Fèis Film Dhùn Èideann air ùr fhoillseachadh agus tha Lana Pheutan a' toirt sùil air dè bhios a' dol am-bliadhna. Tha The Road Dance, a tha stèidhichte 's a chaidh a chlàradh an Leòdhas am measg na filmichean a bhios rim faicinn airson a' chiad uair a-riamh.

Agus bidh sinn a' toirt sùil tro leabhar ùr de dhealbhan camara a chaidh a thogail air Eilean Bhatarsaigh thar iomadh bliadhna. Cluinnidh sinn cuideachd mar a fhuair an t-eilean agus muinntir an àite grèim air an fhear a thog na dealbhan, Paul Glazier.

Ceòl bho Troye Sivan, Lady A, Oscar Lang, Jesse Roper agus còmhlain eile.

www.bbc.co.uk/feasgar

1 hour, 27 minutes

Last on

Thu 29 Jul 2021 12:30

Music Played

  • Jack Savoretti

    Too Much History

  • Troye Sivan

    Strawberries & Cigarettes

  • Lady A

    What A Song Can Do

  • KSI

    Holiday

  • Oscar Lang

    Thank You

  • Lord Huron

    Mine Forever

Broadcast

  • Thu 29 Jul 2021 12:30