07/07/21
Mar a tha daoine a' fulang le pian leantainneach. How people cope with chronic pain.
Cò ris a tha e coltach a bhith a' fulang le pian leantainneach agus tinneasan far nach eil e follaiseach gu bheil daoine ann an crà dh. Tha seo a’ gabhail a-steach tinneasan mar fibromyalgia, migraine, chronic fatigue syndrome, endemetriosis agus gu leòr eile. Bidh Coinneach a' còmhradh ri triùir a tha anns an t-suidheachadh seo, feuch am bheil dad ann a tha gan cuideachadh.
Tha fèill mhòr air pà ircean baile sam bith an teis mheadhan an t-samhraidh, agus tha seo dha-rìribh fìor ann an Lunnain far am bheil uiread de phà ircean brèagha. Cà it am bi luchd-fuireach a' bhaile a' dol, agus dè tha fagail Richmond, Kensington, Hampstead, Hyde is eile nan tarraing do dhaoine?
Cluinnidh sinn bho Uilleam Mac an Tuairneir mun leabhar, Water Over Silver, a chur e ri chèile air na sgrìobhaidhean aig a' mhaighstir-sgoile Iain Mac an Tòisich MacMhathain. Bha Iain Mac an Tòisich MacMhathain a' teagasg ann an iomadh sgoil air Ghà idhealtachd, nam measg Port Rìgh agus Acadamaidh Allt a' Mhuilinn. Ghluais Iain a Shealainn Nuadh anns na 70an agus ‘s ann an sin a fhuair Uilleam, a tha a' fuireach ann, eòlas air an toiseach.
Last on
More episodes
Previous
Next
Music Played
-
The Sanctuary
Hold On
Broadcasts
- Wed 7 Jul 2021 09:00Â鶹Éç Radio nan Gà idheal
- Wed 7 Jul 2021 21:00Â鶹Éç Radio nan Gà idheal