Ailig O'Henley: caoraich agus ball-coise
Beatha Ailig O'Henley; a' trusadh chaorach 's a' trusadh chluicheadairean ball-coise. Herding sheep and herding footballers, both feature heavily in Alex O'Henley's life.
Tha sinn cleachdte gu leòr air radio agus telebhisean a bhith a’ cluinntinn agus a’ faicinn an neach-aithris spòrs Ailig O’Henley, neach-naidheachd Albannach airson UEFA agus neach-aithris aig Â鶹Éç Alba agus Â鶹Éç Radio nan Gà idheal agus gun dad fa-near dha ach ball-coise. Tha iomadach bliadhna bhon a ghabh Ailig ùidh ann am ball-coise. Na bhalachan òg aig toiseach na 70an bhiodh e fhèin sa charaidean tric rim faicinn a’ frithealadh gheamannan ball-coise aig Cairiseabhal, faisg air a dhachaigh ann an Uibhist a Deas, agus iad a’ leantainn sgioba a Chinn a Deas. Cha b’ fhada gus an robh e fhèin na bhall dhen dearbh sgioba agus e na dheugaire ann an Sgoil Dhalabroig. Leis na sgilean a bh’ aige air a phà irce fhuair e cothroman cluiche ann an sgiobaidhean ann an Uibhist, Leòdhas, Inbhir Nis agus Glaschu agus theab e aig aon à m a’ dhol a chluiche aig ìre phroifeasanta.
Anns an t-sreath seo còmhla ri Angela NicFhionghain cluinnidh sinn mun ùidh a th’ aig Ailig anns a’ gheama, an obair a tha a’ tighinn an cois na dreuchd a th’ aige aig UEFA.com agus an turas a bh’ aige fhèin chun na Euros bho chionn ghoirid.
Last on
Broadcasts
- Tue 29 Jun 2021 12:00Â鶹Éç Radio nan Gà idheal
- Tue 29 Jun 2021 22:00Â鶹Éç Radio nan Gà idheal
- Sun 4 Jul 2021 10:00Â鶹Éç Radio nan Gà idheal
- Tue 28 Dec 2021 08:30Â鶹Éç Radio nan Gà idheal