Main content
Litir do Luchd-ionnsachaidh 1145
Litir do Luchd-ionnsachaidh le Ruairidh MacIlleathain. Litir à ireamh 1145. Roddy Maclean reads this week's letter for Gà idhlig learners.
Last on
Wed 30 Jun 2021
23:00
Â鶹Éç Radio nan Gà idheal
More episodes
Corresponding Litir Bheag
An Litir Bheag 841
Clip
-
Litir do Luchd-ionnsachaidh 1145
Duration: 05:00
Litir 1145: Clach Cailleach nam Muc
Na bu trà ithe dhen bhliadhna seo, chuir mi crìoch air leabhar mu dheidhinn ainmean-à ite ann an Inbhir Nis agus anns an sgìre mun chuairt. ’S e obair mhòr a bh’ ann, ach chòrd e rium oir thug e cothrom dhomh sùil a thoirt air iomadh à ite inntinneach timcheall a’ bhaile sa bheil mi a’ fuireach – aig à m nuair a bha e toirmisgte a dhol fada bhon dachaigh air sà illibh Chovid-19.Â
’S iomadh ainm-à ite sònraichte a sheasas nam chuimhne bhon rannsachadh a rinn mi, ach tha mi airson innse dhuibh mu fhear dhiubh. ’S e sin clach mhòr ris an canar Clach Cailleach nam Muc. Tha i ann an Srath Narann, beagan mhìltean a-mach à Inbhir Nis. ’S e srath brèagha a th’ ann an Srath Narann, le dualchas Gà idhlig air leth.
Chuala mi an sgeul an toiseach bho dhithis anns an t-srath, ged nach robh iad buileach soilleir cà ’ robh a’ chlach. An uair sin, lorg mi cunntas le eachdraiche ionadail, Anndra Cuimeanach nach maireann. Sgrìobh Anndra gur ann à Eilean Leòdhais a bha a’ chailleach. Bhiodh i a’ falbh eadar na glinn is srathan air gach taobh de Loch Nis le treud de mhucan. Bhiodh i a’ faighinn fasgadh fon chloich agus sin far an d’ fhuair i bà s. Bha i air a h-ithe le a mucan fhèin. Abair sgeul!
Lorg mi cunntasan eile mun chaillich. Sgrìobh aon duine gun robh cuimhne aig fear à Gleann Moireasdan oirre. Chaochail am fear sin aig à m a’ Chiad Chogaidh. Agus tha cunntas clà raichte air là rach-lìn Tobar an Dualchais anns a bheil dithis a’ bruidhinn mun chaillich. Tha tè dhiubh ag rà dh gun robh a seanmhair a’ toirt biadh don chaillich agus gun do leig i leatha – i fhèin agus a mucan – fuireach anns an t-sabhal aice.
Tuigidh sibh gun robh mi airson a’ chlach a lorg! Ge-tà , cha robh fiosrachadh mionaideach anns na cunntasan mun à ite san robh i. Lorg mi clachan a bha mòr gu leòr ach cha robh cumadh ceart air gin dhiubh. Cha robh pìos a’ stobadh a-mach a bheireadh fasgadh do chailleach mar a bha na cunntasan a’ cumail a-mach.
Bha mi an impis an gnothach a leigeil seachad nuair a thachair mi ri Alasdair Foirbeis, tuathanach à Srath Narann le buntanas fada don à ite. ‘O, Clach Cailleach nam Muc,’ thuirt e, ‘tha i air an fhearann agam fhìn. Bheir mi ann thu, agus innsidh mi an stòiridh dhut.’ Cha b’ e ruith ach leum!
Air latha sneachdach, thug Alasdair ann mi. Air mullach cnoc creagach ann am meadhan coille bheithe, bha clach à rd le talamh dubh fòidhpe far nach robh an sneachd na laighe. ‘Sin far an d’ fhuair a’ chailleach bà s, air a h-ithe le a mucan fhèin,’ thuirt Alasdair. Tha esan dhen bheachd gun do dh’ith na mucan i an dèidh gun do chaochail i gu nà darrach.
Fhuair Alasdair an sgeul à beul-aithris. Chan ann à Leòdhas a bha a’ chailleach, ach à Dùn Magh Ghlais ** ann an Srath Fharagaig. Gach bliadhna bhiodh i a’ coiseachd a dh’Inbhir Nis le a mucan airson an reic aig margaidh. Ghabhadh an turas aice dà latha. Bhiodh i a’ stad letheach-slighe gach rathad ann an à ite far nach cuireadh i dragh air daoine –fon chloich sin. Agus ’s e sin sgeul Cailleach nam Muc agus na cloiche aice ann an Srath Narann.

Faclan na Litreach
Faclan na Litreach: Srath Narann: Strathnairn; Anndra Cuimeanach nach maireann: the late Andy Cumming; Gleann Moireasdan: Glenmoriston; a seanmhair: her grandmother; fiosrachadh mionaideach: detailed information; Alasdair Foirbeis: Alasdair Forbes; tuathanach: farmer; cumadh: shape; Dùn Mac Glais: Dunmaglass; Srath Fharagaig: Stratherrick; letheach-slighe: halfway.
Abairtean na Litreach
Abairtean na Litreach: Na bu trà ithe dhen bhliadhna seo: earlier this year; chuir mi crìoch air leabhar: I finished a book; thug e cothrom dhomh sùil a thoirt air iomadh à ite inntinneach: it gave me an opportunity to look at many interesting places; timcheall a’ bhaile sa bheil mi a’ fuireach: around the city in which I live; ’s iomadh ainm-à ite sònraichte a sheasas nam chuimhne: many special place-names stand out in my memory; ged nach robh iad buileach soilleir cà ’ robh a’ chlach: although they weren’t entirely sure where the stone was; lorg mi cunntas le eachdraiche ionadail: I found an account by a local historian; gur ann à Eilean Leòdhais a bha a’ chailleach: that the old woman was from the Isle of Lewis; bhiodh i a’ falbh eadar na glinn is srathan air gach taobh de Loch Nis le treud de mhucan: she would go between the glens and straths on each side of Loch Ness with a herd of pigs; sin far an d’ fhuair i bà s: that’s where she died; bha i air a h-ithe le a mucan fhèin: she was eaten by her own pigs; abair sgeul: what a story; chaochail am fear sin aig à m a’ Chiad Chogaidh: that man died at the time of the First World War; gun do leig i leatha fuireach anns an t-sabhal aice: that she allowed her to stay in her barn; cha robh pìos a’ stobadh a-mach: there wasn’t a piece sticking out; a bheireadh fasgadh do chailleach: that would provide shelter for an old woman; air an fhearann agam fhìn: on my own land; cha b’ e ruith ach leum: I jumped at the chance; clach à rd le talamh dubh fòidhpe: a high stone with black ground under it.
Puing-chà nain na Litreach
Puing-chà nain na Litreach: Clach Cailleach nam Muc ‘the stone of the old woman of the pigs’. Notice that in a noun phrase of this nature only the final noun goes in the genitive form although the second one (cailleach) has a genitive meaning (‘of the old woman’). If muc were not there, the stone would be Clach na Caillich ‘the stone of the old woman’.
Gnà thas-cainnt na Litreach
Gnà thas-cainnt na Litreach: aig à m nuair a bha e toirmisgte a dhol fada bhon dachaigh: at a time when it was forbidden to go far from home.
Broadcasts
- Sun 27 Jun 2021 22:30Â鶹Éç Radio nan Gà idheal
- Wed 30 Jun 2021 23:00Â鶹Éç Radio nan Gà idheal
Litir do Luchd-ionnsachaidh air LearnGaelic
Tha Litir do Luchd-ionnsachaidh air LearnGaelic (le PDFs)
All letters
Tha na litrichean uile an seo / The letters are available here
Podcast: Litir do Luchd-ionnsachaidh
Letter To Gaelic Learners
Podcast
-
Litir do Luchd-ionnsachaidh
Litrichean Gaidhlig do luchd-ionnsachaidh. Gaelic letters for students of the language.