Main content
Sorry, this episode is not currently available

An Dùbhlan 100 Cèis-Litreach air a mhìneachadh. The 100 Envelope Challenge explained.

Tha planaichean ann airson ionad ùr a thogail an ear-thuath Alba a bhios comasach air dà-ogsaid carboin a ghlacadh agus a stòradh. Gheibh sinn beachd an eòlaiche-saidheans Iain MacAonghais agus an comhairliche-àrainneachd, Aonghas MacAoidh air dè cho èifeachdach 's a tha am pròiseas a thathas gu bhith a' cleachdadh agus carson a tha Alba freagarrach airson ionad mar seo.

Tha e coltach gu bheil daoine a tha a' leanntainn TikTok air am beò-ghlacadh leis An Dùbhlan 100 Cèis-Litreach, far am bheil agad ri airgead a shàbhaladh thairis air 100 là. Ma thèid leat bidh £5050 agad nad sporran. Ach, mar a chluinneas sin bhon eòlaiche-matamataigs, Sarah NicIllEathain, 's e foirmle a chaidh a chruthachadh anns an 19mh linn a tha seo agus tha e comasach an dearbh rud a dhèanamh air Apps an-diugh. Dè cho soirbheachail 's a tha an fheadhainn a tha ris?

Tha Alasdair MacLeòid a' leantainn air leis an t-sreath far a bheil e a' còmharrachadh farpais Euro 2020, le blas bìdh às gach dùthaich far am bheil geamannan ball-coise gu bhith air an cluich. An-diugh, biadh à Amsterdam.

Agus innsidh Aonghas Pàdraig Caimbeul dhuinn gur ann air an t-seachdain seo ann an 1559 a rinn Iain Knox searmon aig St Giles an Dùn Èideann a tha cuid de luchd-eachdraidh ag ràdh a thòisich an t-Ath-Leasachadh an Alba.

57 minutes

Last on

Tue 29 Jun 2021 21:00

Broadcasts

  • Tue 29 Jun 2021 09:00
  • Tue 29 Jun 2021 21:00