Bainnsean agus Tòrraidhean
'S iad cleachdaidhean mu bhainnsean 's mu thòrraidhean a th' aig Jo NicDhòmhnaill dhuinn. Wedding and funeral traditions are Jo MacDonald's themes for today.
Tha sinn a' comharrachadh gu bheil 70 bliadhna bho chaidh Sgoil Eòlais na h-Alba a stèidheachadh aig Oilthigh Dhùn Èideann air a' bhliadhna seo. Tron bhliadhna, cluinnidh sinn taghaidhean de chuid de na chaidh a thogail le luchd-cruinneachaidh na Sgoile, a' mhòr-chuid dheth sna 50an agus na 60an, bho dhaoine a bh' air am bogadh ann an dualchas agus beul-aithris na Gà idhlig. Chaidh an t-sreath sa a chraoladh an toiseach nuair a bha an Sgoil a' comharrachadh 50 bliadhna ann an 2001.
'S iad bainnsean agus tòrraidhean agus na cleachdaidhean a bh' ann co-cheangailte riutha ris a bheil Jo NicDhòmhnaill a' coimhead a seo.
Tha na chluinneas sinn mu bhainnsean a' tighinn bho Chairistìona NicPheadrais, Cairstiona Iain ’Ic Fhionnlaigh à Bearnaraigh na Hearadh agus i ag innse dha a mac Iain MacPheadrais, a bha na fhear-cruinneachaidh aig Sgoil Eòlais na h-Alba, mun a' bhanais a bh' aice fhèin 's athair, Fionnlagh MacAonghais Mhic Iain Mhic Shomhairle ann a 1907 - eadar an còrdadh, an rèiteach, a’ bhanais chearc, am pòsadh aig 6f oidhche Mhà irt agus a’ bhanais le sia galain uisge-beatha.
Tha Peigi NicDhòmhnaill, Peigi Aonghais ‘ic Eachainn à Uibhist a Deas agus am pìobaire Alasdair Boidhd às an Iochdair ag innse mu dhaoine a bha ri tuiream aig tiodhlacaidhean.
Last on
More episodes
Previous
Broadcasts
- Thu 10 Jun 2021 12:00Â鶹Éç Radio nan Gà idheal
- Thu 10 Jun 2021 22:00Â鶹Éç Radio nan Gà idheal
- Sun 13 Jun 2021 09:30Â鶹Éç Radio nan Gà idheal