Main content
Sorry, this episode is not currently available

An t-Urr Donnchadh MacLeòid

2/2 Seirbheis còmhla ris an Urr Donnchadh MacLeòid, Eaglais Shaor Bhun Ilidh 1991. Gaelic archive service with Rev Duncan MacLeod, Helmsdale Free Church in 1991.

Anns an t-seirbheis cluinnidh sibh na sailm agus an leughadh a leanas:

Salm 145: 10-11 air fonn Torwood agus ‘s e Alasdair MacLeòid a tha os cionn na seinn le taic bho choitheanal Eaglais Shaor Phort Rìgh.

Salm 16: 8-9 air fonn Kilmarnock agus ‘s e Aonghas MacAoidh a tha os cionn na seinn le taic bho choitheanal Eaglais Shaor Chàrlabhaigh

Leughadh: Lùcas 2: 25-40

Ceann-teagaisg: Lùcas 2: 36-38

Rugadh an t-Urr Donnchadh MacLeòid ann an Càrlabhagh ann an 1954. Chaidh oideachadh ann am Bun-sgoil Chàrlabhaigh, ann an Sgoil MhicNeacail agus ann an Oilthigh Obar Dheathain mus deach e a-steach airson na ministrealachd.

Na òige ann an Càrlabhagh, 's e glè bheag de Bheurla a bh' aige. Ri chuimhne fhèin, 's e na ciad fhacail Bheurla a thuirt e nuair a bha e anns an sgoil, "Please Miss, may I leave the room?"

Bha, agus tha, ùidh mhòr aig Donnchadh anns a' chànan agus anns a' chultar agus 's e obair neach-teagaisg Gàidhlig a' chiad obair a bh' aige às dèidh ceumnachadh à Oilthigh Obar Dheathain. Bha e a' teagasg airson ùine an Uibhist ann an sgoiltean Dhalabroig agus Phaibeil. Chaidh Donnchadh air ais dhan cholaiste ann an 1980 - an turas seo gu Colaiste na h-Eaglaise Saoire airson dreuchd ministeir a thoirt a-mach.

Chaidh a phòsadh ris a' chiad choitheanal aige ann an 1983 ann am Bun Ilidh agus bha e an sin gu 1996 nuair a chaidh a phòsadh ri coitheanal Eaglais Shaor Pheairt, far an robh e airson mu chòig bliadhna deug. Ann an 2011 chaidh Mgr MacLeòid a phòsadh ri coitheanal Eaglais Shaor Dhòrnaich gus an do leig e dheth a dhreuchd ann an 2021. Bha e cuideachd airson deich bliadhna na fhear-deasachaidh air Colbh Ghàidhlig iris mhìosail na h-eaglaise, The Monthly Record.

Tha ùidh mhòr mhòr aige ann am ball-coise agus gu sònraichte ann an sgioba ball-coise Partick Thistle. Tha e pòsta aig Mòrag à Sgalpaigh agus tha triùir a theaghlach aca agus cuideachd dithis oghaichean.

30 minutes

Last on

Sun 15 May 2022 21:00

Broadcast

  • Sun 15 May 2022 21:00