Main content
Sorry, this episode is not currently available

Inntinn an Inbhich

Ciamar a bhios sinn a' cleachdadh ar mac-meanmna nar n-inbhich? How does the adult mind make use of the human imagination?

Chan eil mòran rudan cho bunaiteach dhuinn uile ri ar mac-meanmna. Ach dè dìreach a th’ ann, agus carson a tha e cho bunaiteach dhuinn? Anns an dàrna prògram air a' chuspair sa, tha Coinneach Mac a’ Ghobhainn a’ cnuasachadh air mar a tha mac-meanmna deatamach dhuinn nar n-inbhich cuideachd.

Bheir an t-eòlaiche-anchainn, Dòmhnall Iain Dòmhnallach, iomradh air mar a tha aislingean cudromach airson a bhith a’ tuigse mar a tha ar mac-meanmna agus ar cuimhne a’ co-cheangal nuair a tha sinn nar cadal. Agus tha an Dr Fionnlagh MacLeòid a’ mìneachadh mar a tha aislingean agus am mac-meanmna nan uinneagan don inntinn do-fhaicsinneach. Uinneagan a tha deatamach do dh’ inbhich, cho math ri clann, ged a tha iad air am foillseachadh ann an dòighean cho diofraichte a rèir aois.

Tha Sian NicAoidh ag innse mu mar a tha mac-meanmna beòthail cudromach ann an saoghal oilthigh is obrach cuideachd, gu sònraichte aig an àm sa nuair a tha aig a h-uile duine ri bhith cruthachail airson faighinn thairis air dùbhlain a’ choròna-bhìorais.

Agus le cuideachadh bho Chatrìona Lexy Chaimbeul agus Tim Armstrong, cluinnidh sinn cuideachd mar a tha mac-meanmna deatamach airson sgrìobhadh agus obair-ealain – ach cuideachd do ar beatha laitheil. Rud a tha aig a h-uile duine, chan ann aig luchd-ealain a-mhàin.

30 minutes

Last on

Sun 9 Apr 2023 10:00

Broadcasts

  • Tue 4 May 2021 12:00
  • Tue 4 May 2021 22:00
  • Sun 9 May 2021 10:00
  • Mon 3 Apr 2023 15:30
  • Wed 5 Apr 2023 20:00
  • Sun 9 Apr 2023 10:00