Main content
Sorry, this episode is not currently available

An t-Urr Tòmas Davis, an Eaglais Shaor

Seirbheis còmhla ris an Urr Tòmas Davis. Gaelic religious service conducted by Rev Thomas Davis.

Anns an t-seirbheis cluinnidh sibh na sailm agus an leughadh a leanas:
Salm 103: 1-2 air fonn Dundee agus ‘s e an t-Urramach Niall Seathach a tha os cionn na seinn le taic bho Choitheanalan Eaglaisean Leòdhais agus na Hearadh.
Salm 67: 3-5 air fonn Moravia agus ‘s e an t-Urramach Alasdair MacPhàrlain a tha os cionn na seinn le taic bho choitheanal Eaglais Chille-Mhoire san Eilean Sgiathanach.
Salm 100: 4-5 air fonn St David agus ‘s e Aonghas MacIllEathain a tha os cionn na seinn le taic bho choitheanal Eaglais na h-Alba ann an Ùige, Leòdhas.

Rugadh Tòmas Davis ann an Obar Dheathain agus greis às dèidh sin ghluais an teaghlach a Steòrnabhagh, far an robh athair ag obair na dhotair teaghlaich. Tha triùir bhalach anns an teaghlach agus 's e Tòmas a th' anns a' mheadhan. Chaidh e a Bhun-sgoil Steòrnabhaigh agus a dh' Àrd-sgoil MhicNeacail. Bha ùidh riamh aige na balaich ann a bhith cluich ball-coise, ged a tha Tòmas ag ràdh nach robh e fhèin uabhasach math air. Nuair a chaidh e dhan àrd-sgoil ghabh e ùidh mhòr ann an ceòl agus thòisich e air grunn innealan-ciùil a chluich. Fiù 's chun an là 'n-diugh tha e a' faighinn toileachas mòr nuair a gheibh e ùine a chur seachad a' cluich a' ghiotar neo a' cluich a' bhogsa - beagan 'jamming' a dhèanamh, mar a thuirt e fhèin.
Choinnich Tòmas ri bhean, Una, greis bheag às dèidh dha an sgoil fhàgail agus phòs iad ann an 2003. Nuair a phòs e an toiseach bha e ag obair na phost pàirt-ùine agus aig an aon àm a' dèanamh ceum oilthigh. Nuair a chrìochnaich e an ceum thòisich e ag obair dha athair-cèile ag ionnsachadh a bhith na einnseanair far an robh e ag obair airson deich bliadhna. Tro na bliadhnaichean sin rugadh triùir chloinne dhaibh - Tom, John agus Annie. B' ann an uair a bha e ag obair na einnseanair a thòisich e a' faireachdainn tarraing chun na ministrealachd agus às dèidh ùine cho-dhùin e gur e sin an t-slighe a bha e a' dol a ghabhail. Ghluais an teaghlach gu tìr-mòr far an robh Tòmas ag ionnsachadh dreuchd na ministrealachd agus ghabh e na bòidean aige ann an 2014. Chuir coitheanal Eaglais Shaor Chàrlabhaigh fios air agus bha e os cionn a' choitheanail sin airson ceithir bliadhna. Bha Mgr Davis air falbh ann an Dùn Èideann gu bho chionn ghoirid far an robh e na mhinistear-cuideachaidh ann an Eaglais Shaor Naomh Chaluim Chille cuide ris an Urr Derick MacLaomain, a bharrachd air a bhith sàs ann am pròiseactan treanaidh is eile. Tha e air ais ann an Leòdhas a-nise agus an dùil tilleadh chun an taobh siar agus a bhith air ais os cionn coitheanal Chàrlabhaigh a-rithist.

30 minutes

Last on

Sun 2 May 2021 15:00

Broadcasts

  • Sun 2 May 2021 09:00
  • Sun 2 May 2021 15:00