Main content
Sorry, this episode is not currently available

Sgeulachdan luchd-eaglais às an tasglann

Buachaille a bha air leth trang mar mhinistear, bhàrd, sgrìobhaiche is eadar-theangadair - an t-Urr Ruairidh Dòmhnallach. Rev Roddy MacDonald, preacher, writer, poet and translator

B‘ ann à Uibhist a Tuath a bha Mgr Dòmhnallach. Bha ceanglaichean aige cuideachd ri Beàrnaraigh na Hearadh agus chuir e seachad iomadach bliadhna de bheatha, na òige agus sa mhinistrealachd, ann an Eilean Leòdhais.

A bharrachd air a bhith na mhinistear air coitheanalan Eaglais Chaluim Chille ann an Steòrnabhagh agus an Eaglais na Paraiste ann an sgìre nan Innis ann a Siorrachd Obar Dheathain, bha Mgr Dòmhnallach cuideachd aithnichte mar bhàrd. Chaidh urram Bàrd a‘ Chomainn a bhuileachadh air aig a’ Mhòd Nàiseanta ann an 1977. Bha e cuideachd na sgrìobhaiche agus na eadar-theangadair 's thug e mach grunn leabhraichean leithid Leth-cheud Bliadhna, Tràoghadh is Lìonadh, Laoidhean Molaidh, Seinn an Duan Seo agus rinn e eadar-theangachadh air ceud òran le Raibeart Burns. Bhiodh e cuideachd a‘ sgrìobhadh airson Na Duilleagan Gàidhlig ann an iris na h-eaglaise agus bidh cuimhne agaibh cuideachd air a‘ cholbh 'Ruairidh Eile' ann an Gasaet Steòrnabhaigh.

A seo cluinnidh sinn an còmhradh a bh‘ aige ri Mairead NicIllinnein ann an 1990 agus tha an t-Ollamh Dòmhnall Meek cuideachd a’ cuimhneachadh air Mgr Dòmhnallach agus ag innse mun eòlas a chuir e air fhèin agus air a bhardachd.

30 minutes

Broadcasts

  • Tue 13 Apr 2021 12:00
  • Tue 13 Apr 2021 22:00
  • Sun 18 Apr 2021 10:00
  • Sun 1 Aug 2021 21:00
  • Sun 30 Jul 2023 21:00